Main content

ICT a' bruidhinn ris an SFA mu 'Caley' eile

Dh'innis Caledonian Thistle Inbhir Nis gu bheil iad air a bhith a' bruidhinn ris an SFA mu phlana aig cluba ann an Glaschu an t-ainm acasan atharrachadh gu Caledonian Thistle.

Thàinig brath bho Rossvale an t-seachdain seo gu bheil iad airson an t-ainm a chleachdadh bhon ath-sheusan.

Thuirt an cluba, a ghluais gu Springburn anns na bliadhnaichean mu dheireadh is a tha a' cluich sa Chiad Roinn de Lìog Taobh Siar na h-Alba, gun robh iad airson ceangal a dhèanamh le eachdraidh na sgìre a thaobh obair na rèile.

Stèidhich Companaidh Rèile Chaledonian gàradh-rèile ainmeil ann an Springburn san 19mh linn is 's e 'The Caley' a tha aig mòran air fhathast.

Thuirt Rossvale gun d'fhuair cead mar-thà bho Lìog Taobh Siar na h-Alba is gu bheilear a-nise a' feitheamh cead bhon SFA.

Bha mòran air ceist a thogail ge-tà, is an t-ainm cho coltach ri ainm sgioba Inbhir Nis.

Dhearbh Caledonian Thistle Inbhir Nis Diardaoin gu bheil iadsan air a bhith a' bruidhinn ris an SFA mun chùis.

/naidheachdan/65204254