Main content

An urrainn do dh'Alba tilleadh gu làidir?

Cha robh mòran an dùil gum biodh Alba anns an t-suidheachadh sa bheil iad nuair a bha iad cho làidir 's a ghabhas ann an cuairtean dearbhaidh 2024 - mus do dhearbh iad àite ann co-dhiù.

Às dèidh dhaibh call gu dona an aghaidh na Gearmailte 5-1 sa gheama fosglaidh ann am Munich, bha na h-oidhcheannan nuair a rinn iad a' chùis air na Spàinntich agus an uair sin na Nirribhich coltach ri rud a thachair bliadhnaichean air ais.

Bhuannaich iad dìreach aon gheama a-mach à deich a' dol a-steach dhan gheama oidhche Haoine ach bha dòchas ann gun robh sgioba Steve Clarke gu bhith a' lorg an lùths, neart agus dòigh-chluiche làidir aca anns a' chiad geama farpaiseach aca ann an greis.

Cha do thachair sin agus a dh'aindeoin 's gur e droinneadh a bh' ann air pàipear b' e mar a chluich Alba an rud a bhris dòchas nan Albannach.

Co-dhiù, tha cothrom aca fhathast faighinn a-steach san ath-chuairt - ma chluicheas iad gu tur eadar-dhealaichte an aghaidh na h-Eilbheis oidhche Chiadain agus an uair sin an aghaidh na h-Ungaire Didòmhnaich.

Ged a tha obair mhòr aig Steve Clarke gus na cluicheadairean aige a thogail, tha obair a cheart cho cudromach aige airson smachd a chumail air an Eilbheis.

Bhuannaich iadsan a' chiad gheama aca 3-1 an aghaidh na h-Ungaire.

"Ma tha iad dòchasach agus ma tha iad a' cumail smachd air cluicheadair Bayer Leverkusen Granit Xhaka, bidh sinn ok," thuirt Eilidh Lewsey a' bruidhinn air Spòrscast.

"Bha tòrr spionnaidh aig an Eilbheis sa chiad leth an aghaidh na h-Ungaire, mar sin 's dòcha gur e am plana a b' fheàrr 's e dìreach gabhail air ar socair agus an uair sin tighinn a-mach cho cruaidh 's a ghabhas san dàrna leth," thuirt i.

Chruthaich Toni Kroos gu leòr chothroman don Ghearmailt oidhche Haoine agus bha gu leòr den bheachd às dèidh a' gheama nach do chuir Alba gu leòr cuideim air is e le cus ùine am ball a' sgoileadh air feadh na pàirce.

Tha Xhaka a' cluich san aon àite agus bha e fhèin soirbheachail gu leòr a' dèanamh an dearbh rud don dh'Eilbheis an aghaidh na h-Ungaire.

Barrachd cuideam air an sgioba eile ma thà - ach cò a tha còir sin a dhèanamh do dh'Alba oidhche Chiadain?

Cò tha còir cluich?

Dh'fhaodadh an dòigh-chluiche sin a bhith aig Steve Clarke ma thà, ach dè mu dheidhinn atharraichean air a' phàirce?

"Bhiodh e math Seumas Forrest fhaicinn an àite Anothony Ralston," thuirt Anton Di Cristina air Spòrscast.

"Tha mi a' tuigsinn gur e 's dòcha beachd a-mach às an àbhaist a tha sin agus nan robh mi a' cluinntinn mo ghuthsa ag ràdh sin fiù 's bliadhna air ais, bhiodh e gu math doirbh a chreidsinn.

"Ach 's e fear-taic Celtic a th' annam 's agus thairis air na dhà no thrì mìosan a dh'fhalbh, tha Seumas Forrest air a bhith cho math dhan chluba aige.

"Tha e rud beag nas sine a-nis ach tha e air an geama aige atharrachadh - tha e nas cinntiche le mar a tha e a' ruith - b' àbhaist dha a bhith a' feuchainn rudan gòrach sìos na cliathaichean ach a-nis tha e ag amas air faighinn nas fhaisge air an tadhal.

"Bhiodh e math cluicheadair coltach ris fhaicinn aig a bheil comas faighinn suas a' phàirce agus cothrom a chruthachadh," thuirt Anton.

/naidheachdan/sgeulachdan/cg33xp3nwexo