Main content

Ceann a' Ghiùthsaich an "deagh àite" agus ag amas air Grand Slam

Thuirt manaidsear Cheann a' Ghiùthsaich gu bheil an sgioba ann an "deagh àite" is iad ceum nas fhaisge air Grand Slam às dèidh dhaibh Cupa MhicAmhlaigh a bhuannachadh.

Cha deach a' chiad leth aig Pàirc Mossfield buileach mar a bha Kings ag iarraidh is tadhal bho Chraig MacMhaoilein air Camanachd an Òbain a chur 1-0 air thoiseach.

'S e geama diofraichte a bh' ann san dàrna leth is a' ghaoth air cùl Cheann a' Ghiùthsaich.

Bha iad co-ionnan cha mhòr sa bhad nuair a thoisich an dàrna leth tro Sheumas Falconer is air thoiseach às dèidh beagan is uair a thìde le tadhal bho Dylan Borthwick.

Bha e cha mhòr seachad nuair a chuir Falconer tadhal eile le mu dheich mionaidean air fhàgail, is chuir Borthwick gleans air cùisean anns na diogan mu dheireadh.

4-1 air a' cheann thall is Cupa MhicAmhlaigh - an aona chupa nach d' fhuair iad an-uiridh - a-nise air ais ann an Ceann a' Ghiùthsaich còmhla ri Cupa MhicThàmhais.

Tha Kings ann an suidheachadh fìor làidir aig mullach na Prìomh Lìog is cuairt dheireannach Chupa na Camanachd an aghaidh Lòbhait ri thighinn.

"Bha mi air mo dhòigh le mar a chluich sinn san dàrna leth - fìor dheagh iomain," thuirt manaidsear Cheann a' Ghiùthsaich, Iain 'Corky' Borthwick.

"Bha fios 'am gum biodh a' ghaoth gu math cudromach sa gheama is bha sinn toilichte an sgòr a chumail sìos sa chiad leth.

"Cho luath 's a fhuair sinn a' chiad tadhal bha fios 'am gun tigeadh fear eile.

"Chan eil duine air an droch ghoirteachadh is tha sinn an deagh àite an-dràsta is coimhead air adhart ri cuairt dheireannach Chupa na Camanachd," thuirt e.

Sa Phrìomh Lìog Disathairne bha fios aig Loch Abar gum feumadh iad an gnothach a dhèanamh air Caol Bhòid gus dòchas air choireigin a chumail air àite san lìog a ghlèidheadh agus sgioba Thaigh na Bruaich a chur sìos.

A dh'aindeoin is ged a bha iad air dheireadh 2-0 tràth is an uairsin 3-2 pìos math a-steach dhan dàrna leth, thill na h-Abraich is Ben Delaney a' buannachadh a' gheama dhaibh 4-3 anns na buillean mu dheireadh.

Tha dà gheama doirbh air fhàgail aig Loch Abar an aghaidh nan Sgitheanach is Ceann a' Ghiùthsaich, ach tha iad beò fhathast.

Cuideachd sa Phrìomh Lìog Disathairne rinn Baile Ùr an t-Slèibh an gnothach air Lòbhat 1-0 agus 's e 5-1 a bh' ann do Cheann Loch Seile an aghaidh Ghleann Urchadain.

San Lìog Nàiseanta rinn an Gearasdan a' chùis 2-0 air Cill Mhàilidh is tha e coltach gur e blàr a bhios ann a-nise 'son an dàrna àite eadar iad fhèin is GMA, is sgioba Ghlaschu air an gnothach a dhèanamh 2-0 air Inbhir Aora.

Ann an Lìog Tuath 1 rinn na Sgitheanaich 7-1 air Loch Carrann is Jordan Murchison le ceithir de na tadhail.

Chluich na Leòdhasaich an geama mu dheireadh acasan den t-seusan aig an taigh ann an Lìog Tuath 2 is iad a' soirbheachadh 3-0 an aghaidh Loch Abair.

Bha sgleò air an là dha na Leòdhasaich ge-tà is Scott MacLeòid air a chas a bhristeadh.

Ann an iomain nam ban chaidh an geama eadar na Sgitheanaich is Gleann Urchadain a chur dheth.

Dh'fhàg sin gun robh cothrom aig Bàideanach gluasad còig puing air thoiseach aig mullach na Lìge Nàiseanta is abair gun do ghabh iad e - a' pronnadh Cheann Loch Seile 11-1.

Bha là math eile aig Kirsty Deans is còig tadhail aice. Tha Bàideanach ann an suidheachadh glè làidir a-nise is ma nì iad an gnothach san dà gheam a tha aca air fhàgail bidh an lìog aca.

Tha cuideachd Loch Abar aca sa chuairt dheireannaich de Chupa Valerie Fhriseil an ath-mhìos.

Bha deireadh-seachdain math aig na h-Abraich fhèin - Leah Maxtone le còig de na tadhail is iad a' buannachadh 8-0 air falbh an aghaidh Àird nam Murchan.

Sa gheama eile san Lìog Nàiseanta bha GMA cruaidh air Dùn Ad a is iad a' buannachadh 10-0 is Beth NicIllfhialain le sia de na tadhail an sin.

/naidheachdan/sgeulachdan/c3rd9wn08e4o