Main content

Ceann a' Ghiùthsaich is an Gearasdan gus farpais airson Chupa MhicThàmhais

Thèid a' chiad duais mhòr de sheusan na h-iomain a thoirt seachad Disathairne is Ceann a' Ghiùthsaich a' dol an aghaidh a' Ghearasdain ann an cuairt dheireannach Chupa MhicThàmhais.

Tha cùisean caran diofraichte am-bliadhna is brag nan òrd seach nan caman ga cluinntinn aig Pàirc a' Bhucht far a bheil obair-leasachaidh mhòr a' dol air adhart.

Tha sin a' fàgail gur ann aig an Eilean ann am Baile Ùr an t-Slèibh a bhios an geama mòr Disathairne.

Cho faisg 's a ghabhas air Ceann a' Ghiùthsaich, ged nach canadh iad fhèin gu siorraidh gu bheil iad aig an taigh aig dachaigh nan nàimhdean mòra aca.

Tha Kings, a tha a' dìon a' chupa, ann an suidheachadh làidir air a' phàirc cuideachd is iad a' suidhe aig mullach na Prìomh Lìge gun geama a chall ann am farpais sam bith am-bliadhna.

Bidh mòran an dùil gur iad a nì a' chùis an aghaidh sgioba bhon Lìog Nàiseanta.

"Tha sinn misneachail is tha a h-uile duine fut is deiseil airson a' gheama," dh'innis sgiobair Chinn a' Ghiùthsaich, Calum Grannd.

"Bha seusan làidir againn gu seo. Tha cuideam le sin is daoine an dùil gum buannaich sinn ach tha sinn cleachdte ris an leithid ann an Ceann a' Ghiùthsaich.

Ach ged a tha Kings ann an lìog nas àirde is cho eòlach air geamaichean mòra, chan eil dùil idir aig Calum ri geama furasta.

"Tha an Gearasdan air a bhith glè làidir is chan eil cho fada sin bhon a bha iad sa Phrìomh Lìog.

"Tha fios againn cho math 's a tha iad is bidh dùil againn ri geama doirbh," thuirt e.

Agus tha an Gearasdan ann an sunnd. Bha iad fhèin gun geama a chall am-bliadhna gu an t-seachdain seo chaidh nuair a rinn a' Mhanachainn a' chùis orra.

Tha na h-Abraich fhathast ann an suidheachadh làidir san Lìog Nàiseanta is bidh iad a' cuimhneachadh air mar a chuir iad Baile Ùr an t-Slèibh a-mach à Cupa MhicThàmhais 4-3 san iar-chuairt dheireannaich, a dh'aindeoin is gun do chluich iad a' mhòr-chuid den gheama le 11 chluicheadair.

Tha dualchas iomain fìor làidir fad ghinealachdan aig sgiobair a' Ghearasdain, Bhictor Mac a' Ghobhainn.

Mar phàirt den dualchas sin tha athair, Bhictor eile, a chuir an tadhal a bhuannaich Cupa MhicThàmhais dhan chluba ann an 2007.

Tha Bhictor òg a-nise airson caibideal ùr a chur ri sgeulachd an teaghlaich.

"Tha sinn air bhioran a bhith air ais ann an cuairt dheireanach mhòr 'son a' chiad turas ann an còrr is deich bliadhna, tha am baile air fad a' coimhead air adhart ris.

"Fhuair sinn misneachd mhòr às a' gheama an aghaidh Bhaile Ùir an t-Slèibh is mar a chluich sinn oir tha iad am measg nan sgiobaidhean as fheàrr ann an iomain.

"Tha cuideam air Ceann a' Ghiùthsaich is ma chluicheas sinn mar as urrainn dhuinn tha mi a' smaointinn gun urrainn dhuinn an cupa a bhuannachadh," thuirt e.

Cluinnear an geama beò air Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gàidheal Disathairne, am prògram a' tòiseachadh aig 3:00f.

Bidh e ri fhaicinn cuideachd air Â鶹ԼÅÄ ALBA bho 4:00f.

Bidh sùil air adhart ann cuideachd sa mhadainn air Spòrs na Seachdain air Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gàidheal sa mhadainn aig 09:00m.

Tha dà gheama ann am Prìomh Lìog nam fear Disathairne is Lòbhat a' cluich Loch Abair is Gleann Urchadain a' dol an aghaidh Chabar Fèidh.

Bidh Inbhir Aora an aghaidh Caol-Ghleann san Lìog Nàiseanta is ann an Lìog Tuath 2 bidh na Leòdhasaich a' cur fàilte air Srath Ghlais.

Tha Bàideanach, a tha aig mullach Lìog Nàiseanta nam Ban, air an rathad Disathairne le geama an aghaidh Ghlinn Urchadain.

Didòmhnaich tha na Sgitheanaich an aghaidh Inbhir Nis aig a' Bhucht is bidh Loch Abar a' cur fàilte air Ceann Loch Seile.

San dà gheama eile cluichidh Dùn Ad an aghaidh Àird nam Murchan is tha GMA aig an taigh an aghaidh Obar Dobhair.

/naidheachdan/sgeulachdan/cz99r41yj74o