Main content

Briseadh-dùil do dh'Alba aig Hampden

Rinn dà bhreab-pheanais an diofar aig Pàirce Hampden is a' Phòlainn a' dèanamh a' ghnothaich 3-2 air Alba sa chiad gheama ann an Lìog A1 ann an Lìog nan Nàiseanan.

Mar a chaidh an geama

Gun teagamh sam bith, bha fuaim gu leòr ann am Pàirce Hampden aig toiseach na h-oidhche agus thug Alba togail dhan luchd-taic.

Le dìreach dà mhionaid air a' chleoc, bha deagh chluiche sìos taobh clì na pàirce le Scott McTominay a' briseadh seachad air loidhne-dìon na Pòlainn.

Ach cha robh gin de na cluicheadairean eile deiseil sa bhogsa gus am ball aige a-steach fhaighinn.

Sia mionaidean às dèidh sin, b' e luchd-taic na Pòlainn a bha ag èigheach.

Chaill na h-Albannach am ball sa leth aca fhèin agus bhrist Robert Lewandowski gu sgiobalta mus do chuir e am ball gu Sebastian SzymaÅ„ski.

Às dèidh dha ceum no dhà air adhart a ghabhail, bhuail e am ball bho astar sìos gu h-ìosal dhan lìon.

Mì-fhortanach

Bha gàirdeachas ann goiridh às dèidh sin am measg nan Albannach ach cha do mhair e.

Chuir Andaidh Robasdan deagh bhall a-steach dhan bhogsa agus chaidh aig Scott McTominay, às dèidh oidhirp no dhà, am ball a chur seachad air neach-glèidhidh na Pòlainn, Marcin BuÅ‚ka.

Ach cho-dhùin an rèitire gun do chleachd McTominay a làmh agus bha briseadh-cridhe ann dha na h-Albannaich.

Cò eile leis an ath-chothrom ach McTominay a-rithist is e ann an deagh shunnd sa chiad leth.

An turas seo bha feum air sàbhaladh bho BuÅ‚ka gus am ball a chumail a-mach.

Lewandowski

Bha barrachd droch naidheachd a' tighinn le Tony Ralston a' leagail Nicola Zalewski sa bhogsa agus bha aig Gunn ri dèiligeadh le breab-peanais.

Chuir Robert Lewandowski am ball dhan lìon gun trioblaid is bha na h-Albannaich 2-0 air dheireadh a' dol a-steach aig leth-ùine.

An dàrna leth

Saoil dè thuirt Steve Clarke aig leth-ùine?

Anns a' chiad mhionaid, bha beagan de bhùrach ann am bogsa na Pòlainn.

Fhuair Ryan Christie am ball agus chuir e dha Billy Gilmour e.

Leis a' chiad suathadh den bhall chuir e dhan lìon e gus tadhal fhaighinn air ais do dh'Alba.

Bha an geama rud beag nas fhosgailte às dèidh sin agus bha na h-Albannaich fortanach nach do chaill iad tadhal eile le faisg air uair a thìde air a' chleoc.

Dh'fheuch SzymaÅ„ski bho astar a-rithist ach chaidh an oidhirp aige dìreach seachad.

Bha iad tadhal air thoiseach ach cha do chuir sin stad air a' Phòlainn cuideam a chur air loidhne-dìon na h-Alba nuair a bha am ball aca.

Ach dhèilig na h-Albannaich le sin, a' mhòr-chuid dhen ùine, agus bha siud a' ciallachadh gun robh barrachd rùim aca nas fhaide suas a' phàirc nuair a sgaoil iad am ball chun na loidhne-aghaidh.

Bha amas nan Albannach follaiseach - bha iad a' feuchainn ri gu leòr chothroman a chruthachadh sìos na cliathaichean agus am ball a chur dhan bhogsa.

Co-ionnann a-rithist

Mu dheireadh thall, dh'obraich am plana.

Am measg nan atharraichean aig Steve Clarke, bha Ben Doak, a tha air iasad aig Middlesbrough bho Liverpool, air tighinn air.

Bha e am measg fìor dheagh chluiche sìos air a' chliathaich mus do chuir Ralston am ball do Scott McTominay a bha a' feitheamh agus chuir esan am ball gu sìmplidh dhan tadhal.

An deicheamh tadhal aige do dh'Alba.

Ben Doak

Thug Doak rudeigin dhan sgioba air an robh cruaidh fheum aca aig Euro 2024 anns a' Ghearmailt - dòigh-chluiche luath.

A bharrachd air sin, bha coltas misneachail air.

Co-dhiù, shaoileadh tu gum biodh Steve Clarke air a bhith toilichte le puing a-mach às a' gheama - ach bha buille fhathast ri tighinn.

Ann an ùine a bharrachd, chaidh Nicola Zalewski a leagail le Hanley sa bhogsa agus bha breab-peanais eile aig a' Phòlainn.

Cha robh Lewandowski air a' phàirce a-nise ach cha robh e gu diofar agus Zalewski a' cur na Pòlainn air thoiseach 3-2.

Oidhche mheasgaichte do dh'Alba agus an luchd-taic aca a' fàgail Hampden le barrachd cheistean 's dòcha às dèidh droch shamhraidh aig farpais na h-Euros.

/naidheachdan/sgeulachdan/cq5d64n6l4yo