Main content

ICT: "Tha iad air luchd-taic is fèin-aithne a' chluba a chall"

Chuala coinneamh shradagach ann an Inbhir Nis gum b'fheàrr le cuid de luchd-taic Chaley Thistle an cluba a leigeil ann an rianachd seach trèanadh a ghluasad gu Fìobha.

Tha an ceòl air a dhol air feadh na fìdhle bho dh'innis an cluba an t-seachdain seo chaidh gum bi trèanadh stèidhichte aig pàirce Kelty Hearts an ath-sheusan.

Thuirt an cluba gu bheil e air a bhith duilich dhaibh toirt air cluicheadairean gluasad chun na Gàidhealtachd, agus gu bheil prìsean àrda airson taighean mar phàirt den duilgheadas sin.

Dh'innis iad gun cùm iad orra obrachadh le òigridh air Ghàidhealtachd agus gur e Inbhir Nis an dachaigh a bhios aca gu bràth.

Ach tha luchd-leantainn, nach robh air an dòigh co-dhiù is an cluba air tuiteam gu Lìog 1, air fearg a nochdadh mun ghluasad ùr.

Bha cha mhòr 200 duine an làthair aig coinneimh de Urras Luchd-taic Chaley Thistle oidhche Mhàirt is beachdan gu math làidir a' tighinn bhuapa.

"Tha iad air an argamaid a chall mar-tha is tha iad air luchd-taic is fèin-aithne a' chluba a chall ", thuirt Seòras Moodie, a bha sa chathair.

"Ma tha cluicheadairean airson cluich do Chaley Thistle Inbhir Nis, bu chòir dhaibh a bhith a' fuireach ann an Inbhir Nis. Mura h-eil iad airson fuireach an seo, chan eil sinn gan iarraidh", thuirt e.

Nochd na h-uimhir de thaic aig a' choinneimh cuideachd airson boycott air ticeadan-seusain a cheannach, ged a rinn ceannardan an urrais soilleir gum biodh sin an urra ri luchd-leantainn fa leth.

Chaidh cuid fiù 's nas fhaide na sin is iad ag ràdh gum biodh e na b'fhearr an cluba a a dhol ann an rianachd 's a thogail às ùr le bòrd ùr, a dh'aindeoin nan cunnartan is duilgheadasan a bhiodh an lùib sin.

Chualas beachdan làidir cuideachd mu àrd-stiùiriche a' chluba Scott Gardiner is cuid ag ràdh nach cuir iad airgead a-steach dhan chluba fhad 's a tha Mgr Gardiner ann.

Tha Eardsaidh MacIlleathain a' leantainn Chaley Thistle.

A' bruidhinn air Aithris na Maidne Diciadain, thuirt Eardsaidh nach do chuir na beachdan aig a' choinneimh iongnadh sam bith air is faireachdainn cho làidir ann mu phlana Chaley Thistle.

"Tha an luchd-leantainn air blas a' chrogain a ghabhail den sgioba is tha iad gu math mì-thoilichte mu dheidhinn mar a tha cùisean a' dol".

Thuirt Eardsaidh gum biodh cunnartan ann le a dhol ann an rianachd is e ag ràdh gur e "ceum gu math mòr" a bhiodh ann.

Dh'innis e nach biodh e fhèin a' seachnadh a dhol gu geamaichean is e ag ràdh gu bheil e den bheachd gu bheil e cudromach taic a chumail ris an sgioba, ged a thuirt e gu bheil mòran le beachd diofraichte.

"Tha tòrr dhaoine is tha ticeadan seusain aca is bidh sin a' tighinn suas a dh'aithghearr - a bheil iad ag iarraidh ticeadan-seusain a cheannach - is bha tòrr aig a' choinneimh ag ràdh nach ceannaich iad ticeadan-seusain.

"Bidh buaidh mhòr aige sin air suidheachadh ionmhais a' chluba", thuirt e.

/naidheachdan/sgeulachdan/c977jqlv27yo