Main content

Cothrom caillte na h-Alba air àrd-urlar na h-Eòrpa

Le beagan is seachdain ri dhol tha aire mhòran air an taghadh choitcheann is dè an dreach a bhios air an ath riaghaltas aig Westminster.

'S iomadh poileasaidh is gealltanas a tha sinn air cluinntinn is beachdan gu leòr mun deidhinn.

Nam measg, seirbheis nàiseanta a thoirt air ais.

Poileasaidh a tha a' faighinn taic bho chuid is feadhainn eile a' cur na aghaidh. Cha leig sinn a leas an còrr a ràdh.

Ach fhad 's a tha deasbadan poilitigeach a' leantainn, tha cuibhreann de shluagh na h-Alba - cuibhreann nach beag - air a bhith air seòrsa de sheirbheis nàiseanta iad fhèin, seirbheis nach robh ceangailte ri poileataigs air dhòigh sam bith.

Robh dha-rìribh 200,000 Albannach sa Ghearmailt a' cur taic ris an sgioba nàiseanta aig Euro 2024?

Bha gu leòr co-dhiù is an t-Arm Tartain a' siubhail ann an àireamhan nach fhacas riamh roimhe.

Cha robh sin na iongnadh is ùine cho fada bho bha fir na h-Alba aig farpais mhòr thall thairis.

Bha mi fhìn fortanach gu leòr a bhith aig Cupa na Cruinne san Fhraing ann an 1998. Ma 's e is gur e fortanach am facal ceart airson a bhith a' coimhead Alba a' call 3-0 ri Morocco fhad 's a tha thu air do chuairteachadh leis na mìltean de mhuinntir Mhorocco. 'S math gun robh iad cho gasda.

'S e leasan a bh' ann - ge bith dè cho math 's a tha an turas, tha am ball-coise buailteach a mhilleadh, co-dhiù nuair a tha sgioba na h-Alba an sàs.

Ach abair cuairt. Ball-coise a' toirt dhaoine bho gach ceàrn cruinn còmhla mar bu chòir ann an seirbheis nàiseanta a bha air leth sònraichte is an dùthaich air fad, cha mhòr, a' leantainn gach breab air ais aig an taigh.

Cha bhiodh duine air creidsinn aig an àm gum biodh againn ri feitheamh cho fada airson cothrom eile.

'S ann a chaidh ball-coise na h-Alba dhan fhàsach. Play-off an siud is an seo is amannan dorcha eile nuair nach robh sinn fiù 's faisg air an sin.

Do dhùthaich le dualchas ball-coise mar a tha aig Alba bha e goirt a bhith a' coimhead a-steach bhon taobh a-muigh a h-uile turas. Bha e a' faireachdainn nach biodh sinn air ais a chaoidh.

Thug boireannaich na h-Alba togail mòr dhuinn le bhith ruighinn Cupa na Cruinne ann an 2019.

Ghabh cuid an cothrom tilleadh dhan Fhraing. 'Son treis bha cothrom air adhartas aig an fharpais fhèin cuideachd - mus do lean na boireannaich traidisean nam fear leis a' gheama an aghaidh Argentina a thilgeil air falbh bho shuidheachadh air leth làidir.

Thill na fir fhèin chun a' phrìomh àrd-urlar mu dheireadh thall ann an 2021 aig na Euros.

Bha e math a bhith air ais ach le geamaichean aig Hampden is Wembley is buaidh Covid cha robh e a' faireachdainn buileach ceart.

'S e sin a dh'fhàg a' Ghearmailt cho sònraichte.

Na mìltean mòra a' dèanamh air dùthaich eile a th' air a bogadh ann am ball-coise far an d'fhuair iad fàilte chrìdheil is far an deach iomadh càirdeas ùr a chruthachadh.

Bithear uaireanan a' dèanamh cus de chleasan an Airm Thartain - is cuid de na saighdearan a' dol ro fhada - ach chan eil teagamh nach do rinn iad feum do chliù na h-Alba an turas seo.

Bha sùilean an t-saoghail air Alba oidhche fosglaidh na farpais - dìreach mar a bha ann an 1998. Bidh na cluicheadairean fhathast gam breabadh, tha fios, nach do nochd iad fhèin.

Bha na mìltean mòra eile air ais aig an taigh a' leantainn ghnothaichean gu dlùth.

Sgoilearan air an sgeadachadh ann an dathan na sgioba nàiseanta - tha fios gum faca sibh clann Phort Rìgh a' seinn?

Oifisean is àitichean-obrach eile a' stad, ball-coise air bilean an t-sluaigh is daoine a' tighinn còmhla às ùr ann an adhbhar sgioba na h-Alba.

Blas milis de sheirbheis nàiseanta mu dheireadh thall de ghinealachdan nach d'fhuair an leithid roimhe.

Cha deach am ball-coise fhèin idir mar a bha sinne ag iarraidh - An t-seann duan aig an t-seann phrìs mar a sgrìobh am fear-naidheachd againn Ailean MacLeòid às a' Ghearmailt, is leanaidh an deasbad mu dè dìreach a chaidh ceàrr is mu dhreuchd Steve Clarke. Sin mar as còir às dèidh cho truagh 's a bha an sgioba.

Ach cho math 's a bha e a bhith air ais air an àrd-urlar, a dh'aindeoin gach rud eile.

Ge bith cò bhios os cionn na sgioba às dèidh seo - is gu dearbh os cionn sgioba nam ban - tha e deatamach co-dhiù co-dhiù gun till Alba dha na farpaisean mòra seo gu tric is gu cunbhalach.

Agus gun dèan sinn an uairsin oidhirp gu math nas dàna air ceann a' mhaide a chumail ris a' chòrr nuair a tha sinn ann.

/naidheachdan/sgeulachdan/c1vvdg7e5qdo