Main content

ICT "air an sàbhaladh bho rianachd"

Tha Caley Thistle air innse gun deach aonta ionmhais a ruighinn a tha a' ciallachadh nach tèid an cluba ann an rianachd.

Bha ICT air innse nas tràithe Diciadain gun robh "gu Dimàirt aca" gus aonta a dhèanamh agus rianachd a sheachnadh.

Thuirt Ailean Savage, a thill dhan chluba nas tràithe air a' mhìos feuch suidheachadh ionmhais Chaley Thistle a chur ann an òrdugh, gun robh e ag amas air aonta le triùir a bha an sàs sa chluba anns na bliadhnaichean mu dheireadh is feum air £600,000 a thogail.

Ach thàinig brath eile bhon chluba oidhche Chiadain gun deach aonta a dhèanamh "a tha a' sàbhaladh a' chluba bho rianachd is gum bu chòir dhan a h-uile duine a tha ceangailte ri ICT a bhith air an dòigh".

Bha Mgr Savage cuideachd air innse nas tràithe air an là gun iarr e cead luchd nan earranan gus làn smachd a ghabhail air ICT gus an tèid an cluba a reic.

/naidheachdan/sgeulachdan/c4gq40v1n0po