Main content

Taghadh Chupa na Camanachd

Thèid Ceann a' Ghiùthsaich an aghaidh a' Ghearasdain is Camanachd an Òbain an aghaidh Lòbhait san iar-chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd.

Chaidh an taghadh a dhèanamh ann an Inbhir Nis madainn Diardaoin.

Tha an geama eadar Ceann a' Ghiùthsaich is an Gearasdan a' toirt ri chèile an dà sgioba a bha ann an cuairt dheireannach Chupa MhicThàmhais nas tràithe air an t-samhradh, geama a bhuannaich Ceann a' Ghiùthsaich 3-1 air a' cheann thall.

Bidh Camanachd an Òbain is Lòbhat a' cluich air an 3mh den Lùnastal is an dàrna geama ann air an 10mh den Lùnastal.

'S iad Ceann a' Ghiùthsaich a tha a' dìon Chupa na Camanachd is iad air soirbheachadh 1-0 an aghaidh Camanachd an Òbain sa chuairt dheireannaich an-uiridh.

/naidheachdan/sgeulachdan/ced3nk2yl8no