Main content

Sgiobaidhean ball-coise WIIGA a' dol gu Geamaichean nan Eilean

Chaidh dearbhadh gum bi sgiobaidhean ball-coise nan Eilean Siar a' farpais aig Geamaichean nan Eilean an Arcaibh an ath-bhliadhna.

Cho-dhùin luchd-stiùiridh nach b'urrainn ach 12 sgioba a bhith an dà chuid ann am farpais nam fear agus nam ban air sgàth 's nach bi àitichean-fuirich gu leòr ann.

Bha barrachd air 12 sgioba air cur a-steach airson gach farpais, a' ciallachadh gun robh aca ri taghadh a dhèanamh.

Chaidh sgiobaidhean ball-coise WIIGA nam fear agus nam ban a thaghadh airson a bhith mar phàirt de na geamaichean.

Thog sgioba nam ban am bonn airgid aig na geamaichean mu dheireadh ann an Guernsey.

Bha àite cuid de sgiobaidhean air a dhearbhadh mar-tha, leithid Arcaibh a tha a' cumail nan geamaichean.

Chaidh sgiobaidhean nam fear agus nam ban aig Sealtainn cuideachd a thaghadh airson nam farpaisean.

A' call a-mach

'S iad Greenland, Åland agus Eilean Mhanainn a chaill a-mach ann am farpais nam ban agus cha deach Åland, Isle of Wight, Na h-Eileanan Faclanach air neo Greenland a thaghadh airson farpais nam fear.

Dh'fhaodadh gun tèid cuid a ghairm dhan fharpais ge-tà ma tharraingeas sgioba air neo sgiobaidhean a-mach.

Tha dùil gun tèid an taghadh airson farpais a' bhuill-choise a dhèanamh air an 30mh dhen t-Sultain.

Thèid Geamaichean nan Eilean 2025 a chumail an Arcaibh eadar 12na is an 18mh den Iuchar.

/naidheachdan/sgeulachdan/cn02vn8k5xvo