Main content

Cunnart ann an Köln : Alba v an Eilbheis

Chan eil mòran ùine ann fois a ghabhail aig farpais ball-coise aig an ìre seo.

Còig là às dèidh oidhche bhrùideil ann am Munich, tha cothrom eile aig sgioba na h-Alba gus cùisean a chur ceart.

Tha an t-Arm Tartain air siubhal, nan dròbh uair eile, gu sgìre aig a bheil cultar agus eachdraidh shònraichte nuair a thig e gu ball-coise.

Tha co-dhiù còig de chlubaichean mòra na Gearmailt nas lugha na uair a thìde air falbh bho phàirc FC Köln – Borussia Dortmund, Schalke agus Bayer Leverkusen, a bhuannaich am Bundesliga am-bliadhna nam measg.

Baile brèagha a th’ ann cuideachd le cathair-eaglais mhòir shònraichte, a bharrachd air biadh agus deoch math am pailteas.

Còrdaidh na tha sin ris an luchd-taic – chòrdadh e riutha na b' fheàrr buileach le trì puingean do dh’Alba a-nochd – rud nach bi furasta.

Tha an Eilbheis air adhartas a dhèanamh às ìre nam buidheannan aig na còig farpaisean mòra mu dheireadh san robh iad an sàs.

Ràinig iad nan cairteal-chuairtean deireannach bho chionn trì bliadhna – a’ cur nam Frangach a-mach air an t-slighe.

Breaban peanais an aon rud a chuir stad orra bhon aon rud a dhèanamh ris an Spàinn.

Tha an sgioba seo ann an sunnd cuideachd.

Chan eil iad ach air aon gheama anns na 15 mu dheireadh aca a chall.

Tha iad air co-dhiù aon tadhal fhaighinn ann an 15 a-mach à 17 cuideachd.

Fo stiùir Murat Yakin – a chluich 49 turas don Eilbheis, agus a chluich gach mionaid aig Euro 2004 – tha iad a’ dol bho neart gu neart.

Aon chriomag cofhurtachd do dh’Alba, ‘s e gun dèanadh puing an gnothach dhaibh air thoiseach air an Ungair a chluiche aig deireadh na seachdain.

Tha an Eilbheis air a bhith co-ionnan ann an seachd a-mach à 12 geama. Cothrom do sgioba Steve Clarke ‘s dòcha?

Gus brath a ghabhail air a' chothrom sin, feumar cluicheadairean cunnartach na h-Eilbheis a mhùchadh, rud nach do rinn iad le Toni Kroos agus Jamal Musiala an oidhche eile.

Tha Granit Xhaka air a dhol bho neart gu neart bho dh’fhàg e Arsenal an-uiridh.

Tiotal Bundesliga, DfB Pokal, agus a’ ruighinn cuairt dheireannach Lìog Europa le Bayer Leverkusen, agus e a' stiùireadh ghnothaichean am meadhan na pàirce do sgioba Xabi Alonso.

Às dèidh 126 geama a chluich don sgioba nàiseanta, 's ann aige a tha an àireamh as motha de cheip.

Tha e air cha mhòr gach geama a chluich aig na còig farpaisean mòra mu dheireadh, agus e mar sgiobair aig na h-Euros mu dheireadh, a bharrachd air Cupa na Cruinne 2022.

Feumaidh Alba sùil gheur a chumail airsan.

Chan eil Breel Embolo ach air còig geamannan a chluiche do Mhonaco an t-seusan seo, às dèidh trioblaidean uabhasach fhulang le ACL.

A dh’aindeoin sin, tha e air tilleadh le brag agus còig tadhail aige ann an ochd geamannan do sgioba na h-EIlbheis a-nise - am fear mu dheireadh an aghaidh sgioba na h-Ungaire, Disathairne nam measg.

Aig a' chùl, tha eòlas am pailteas.

Seo an còigeamh farpais mòr aig Manuel Akanji, agus an t-siathamh farpais aig Fabian Schär.

Dithis a tha a' cluiche cha mhòr gach geama dhan cuid chlubaichean Manchester City agus Newcastle United.

Gan stiùireadh, tha Yann Sommer a tha air soirbheachas gu leòr fhaicinn eadar na puist do chlubaichean a leithid Bayern Munich, agus air an t-seusan seo, Inter Milan, le bhith a' togail tiotal Serie A.

Chan eil an Eilbheis ach trì àiteachan air dheireadh air a' Ghearmailt ann an rangannan an t-saoghail (19mh) ach ‘s e geama agus dùbhlan gu math eadar-dhealaichte a tha gu bhith an seo do dh’Alba.

Chan urrainn dhaibh leigeil leotha an geama a stiuireadh mar a thachair an aghaidh na Gearmailt, no ‘s ann a’ tuiteam a-mach às a' bhuidhinn a bhios iad, seach adhartas a dhèanamh a-mach às.

Bha 28 bliadhna ann chun an là an-dè bhon turas mu dheireadh a bhuannaich Alba geama aig na h-Euros.

An sgioba a bha nan aghaidh an là sin? - an Eilbheis…. Bidh gu leòr ann an Köln an dòchas gur e deagh chomharra a tha sin, air na tha ri thighinn a-nochd fhathast.

Aon rud a tha cinnteach, tha feum air deagh shealladh anns a' gheama seo, tha feum air puing, agus tha feum air gaisgich nochdadh ann an lèinntean gorma na h-Alba, gus an dùthaich a chumail beò anns an fharpais, beagan nas fhaide.

/naidheachdan/sgeulachdan/c1ee1w98g4do