Â鶹ԼÅÄ

ICT a' bruidhinn ris an SFA mu 'Caley' eile

  • Air fhoillseachadh
Pàirc ChaleyTùs an deilbh, SNS

Dh'innis Caledonian Thistle Inbhir Nis gu bheil iad air a bhith a' bruidhinn ris an SFA mu phlana aig cluba ann an Glaschu an t-ainm acasan atharrachadh gu Caledonian Thistle.

Thàinig brath bho Rossvale an t-seachdain seo gu bheil iad airson an t-ainm a chleachdadh bhon ath-sheusan.

Thuirt an cluba, a ghluais gu Springburn anns na bliadhnaichean mu dheireadh is a tha a' cluich sa Chiad Roinn de Lìog Taobh Siar na h-Alba, gun robh iad airson ceangal a dhèanamh le eachdraidh na sgìre a thaobh obair na rèile.

Cha ghabh am post Twitter seo a shealltainn air a’ bhrabhsair agaibh. Ceadaichibh Javascript no feuchaibh brabhsair eile.
Chan eil am Â鶹ԼÅÄ an urra ris na tha a' nochdadh air làraichean-lìn air an taobh a-muigh
Leum thairis air twitter teachdaireachd le ROSSVALE FOOTBALL CLUB

Cead do stuth Twitter?

Tha stuth Twitter an cois an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid sìon luchdachadh, oir dh’fhaodadh iad ‘briosgaidean’ agus teicneòlas eile a chur an sàs. ‘S dòcha gum biodh tu airson a leughadh agus mus tèid thu air adhart. Airson sùil a thoirt air an stuth seo, tagh ‘Gabh ris agus lean ort’.

Chan eil am Â鶹ԼÅÄ an urra ris na tha a' nochdadh air làraichean-lìn air an taobh a-muigh
Deireadh twitter teachdaireachd le ROSSVALE FOOTBALL CLUB

Stèidhich Companaidh Rèile Chaledonian gàradh-rèile ainmeil ann an Springburn san 19mh linn is 's e 'The Caley' a tha aig mòran air fhathast.

Thuirt Rossvale gun d'fhuair cead mar-thà bho Lìog Taobh Siar na h-Alba is gu bheilear a-nise a' feitheamh cead bhon SFA.

Bha mòran air ceist a thogail ge-tà, is an t-ainm cho coltach ri ainm sgioba Inbhir Nis.

Dhearbh Caledonian Thistle Inbhir Nis Diardaoin gu bheil iadsan air a bhith a' bruidhinn ris an SFA mun chùis.