Main content

Loch Abar air tuiteam às a' Phrìomh Lìog

Tha Loch Abar air àite ann am Prìomh Lìog nam fear san iomain a chall às dèidh dhaibh call 8-4 ri Ceann a' Ghiùthsaich.

Tha seo a' ciallachadh gu bheil na h-Abraich a' tilleadh dhan Lìog Nàiseanta le Gleann Urchadain, dìreach bliadhna às dèidh dhan dà sgioba a dhol suas còmhla.

Am measg nan tadhal a-rithist do Cheann a' Ghiùthsaich bha Roddy Young, a tha air a bhith a dhìth orra 'son ùine mhòr is e air a ghoirteachadh.

Bhiodh Loch Abar air a dhol sìos fiù 's nam biodh iad air a' chùis a dhèanamh air Kings oir rinn Caol Bhòid an gnothach 5-3 air an Eilean Sgitheanach ann an Taigh na Bruaich.

Anns na geamaichean eile sa Phrìomh Lìog chuir Baile ùr an t-Slèibh trì tadhail anns an 20 mionaid mu dheireadh gus a' chùis a dhèanamh air Lòbhat 3-2, agus 's e 1-1 a bh' ann eadar Camanachd an Òbain is Ceann Loch Seile.

San Lìog Nàiseanta cha do ghabh a' Mhanachainn an cothrom an tiotal a bhuannachadh is iad a' call 6-2 an aghaidh a' Ghearasdain.

Ged a tha e cha mhòr cinnteach gur e a' Mhanachainn is an Gearasdan a thèid suas còmhla, chan eil e air a dhearbhadh fhathast leis gun do rinn GMA a' chùis 5-3 air Cill Mhàilidh Disathairne.

Bhuannaich Srath Ghlais Lìog Tuath 1 is iad air crìochnachadh 3-3 an aghaidh Cheann Loch Seile.

Cuideachd san lìog sinn rinn dàrna sgioba nan Sgitheanach an gnothach 9-0 air Lòbhat, ach chan urrainn dhaibh a-nise Srath Ghlais a ghlacadh.

San Lìog Nàiseanta ann an iomain nam ban rinn GMA a' chùis air Inbhir Nis 4-0 agus 's e 6-0 a bh' ann do Dhùn Ad an aghaidh Àird nam Murchan.

Bidh aire a-nise a' tionndadh air cuairt dheireannach Chupa Valerie Fhriseil Disathairne seo tighinn eadar Bàideanach is Loch Abar.

/naidheachdan/sgeulachdan/cp81d803z8no