Main content

Aths air Lìog Leòdhais is na Hearadh a bhuannachadh

Tha Athletic Steòrnabhaigh air Lìog Leòdhais is na Hearadh a bhuannachadh.

Bha an sgioba air a bhith cianail faisg air an tiotal a dhearbhadh oidhche Haoine, ach dh'fhàg tadhal anmoch bhon Rubha gun robh aca ri feitheamh.

Rinn iad an gnothach ann an stoidhle oidhche Luain ge-tà le pronnadh 6-0 a thoirt air na Lochan.

Thàinig trì de na tadhail bho Jude Glover le Harry Bray, Luke Moireasdan is Friseal MacLeòid cuideachd air an targaid.

Tha seusan air leth air a bhith aig sgioba Steòrnabhaigh is iad air dìreach aona gheama a chall san lìog.

'S e seo a' chiad turas a tha iad air an tiotal a bhuannachadh ann an dusan bliadhna.

San dà gheama eile oidhche Luain rinn an Taobh Siar an gnothach 5-1 air United agus shoirbhich am Bac 5-3 an aghaidh na Hearadh.

/naidheachdan/sgeulachdan/czrg2erz206o