Main content

Lòbhat troimhe gu cuairt-dheireannach Chupa na Camanachd

Bidh Lòbhat ann an cuairt dheireanach Chupa na Camanachd airson an t-siathamh turas ann an naoi seusanan.

Sin às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air Camanachd an Òbain Disathairne.

Aig aon àm bha Lòbhat dà thadhal air dheireadh.

Ach thill iad air ais airson tighinn am barr 3-2.

Thèid an dàrna iar-chuairt deireannach a chluich Disathairne seo tighinn.

Bidh Ceann a' Ghiùthsaich, a bhuannich an cupa an-uiridh, a' feuchainn an aghaidh sgioba a' Ghearasdain.

Bidh ge b' i cò bhuannaicheas anns a' gheama sin a' cluiche Lòbhat anns a' chuairt-dheireannaich de Chupa na Camanachd aig An Àird anns a' Ghearasdan Disathairne 21mh den t-Sultain.

/naidheachdan/sgeulachdan/cjw33lqjg7lo