Main content

Dachaigh ùr do Chupa na Camanachd

Tha dachaigh ùr gu bhith aig Cupa na Camanachd is an duais as prìseile san iomain a-nise gu h-oifigeil ann an làmhan Comhairle na Gàidhealtachd is High Life na Gàidhealtachd.

Thèid an cupa a thaisbeanadh ann an Caisteal Inbhir Nis nuair a dh'fhosgaileas an taigh-tasgaidh is goireasan ùra eile sa chaisteal an ath-bhliadhna.

Chaidh an cupa èireachdail a dhèanamh ann an 1896 leis a' chompanaidh Hamilton and Inches ann an Dùn Èideann.

'S iomadh cuairt dheireannach shònraichte a bh' ann an uairsin, iomadh stòiridh co-cheangailte ris a' chupa fhèin, is iomadh drama gu dearbh a chaidh òl às thar nam bliadhnaichean.

Thug sin uile buaidh air a' chupa is thàinig Comann na Camanachd dhan cho-dhùnadh dìon a chur agus dachaigh ùr fhaighinn dha.

Aig an dearbh àm tha Hamilton & Inches air lethbhreac ùr den chupa a dhèanamh.

Thèid sin a thoirt seachad 'son a' chiad turas air an 21mh den t-Sultain nuair a chluicheas Ceann a' Ghiùthsaich is Lòbhat ann an cuairt dheireannach 2024 sa Ghearasdan.

Tha Comann na Camanachd ag ràdh gur e "ceum cudromach" a bh' ann an seann chupa a thoirt seachad do Chomhairle na Gàidhealtachd is High Life.

Chuir an t-ùghdarras ionadail agus High Life fàilte air an naidheachd cuideachd.

"'S e rud eachdraidheil dha-rìribh a th' ann gu bheil Cupa na Camanachd a-nise againn agus gum bi e air a thaisbeanadh ann an Caisteal Inbhir Nis bhon ath-bhliadhna," thuirt Leas Àrd-Stiùiriche na Comhairle, Calum MacLeòid.

"Tha seo a' cur dìon air pàirt gu math luachmhor de dhualchas spòrs na Gàidhealtachd, agus a' comharrachadh cuideachd cho cudromach fhathast 's a tha iomain air Ghàidhealtachd."

Thuirt Comann na Camanachd cuideachd gu bheil iad an dùil gum bi seo mar dhòigh air feadhainn a tha a' tadhal air a' chaisteal a thàladh dhan taisbeanadh ùr a bhios aca fhèin aig Pàirc a' Bhucht.

Fosglaidh 'Sgeul na Camanachd' ann an 2025 cuideachd is seo mar phàirt den leasachadh aig a' Bhucht.

Tha Comann na Camanachd cuideachd airson gnothaichean eachdraidheil eile co-cheangailte ri iomain a chur san taisbeanadh.

Dh'iarr iad air duine sam bith le dad a dh'fhaodadh a bhith inntinneach fios a chur gu aarron.macleod@shinty.com.

/naidheachdan/sgeulachdan/c9v8wpj9zmeo