Main content

Cupa MhicThàmhais aig Ceann a' Ghiùthsaich is sùil aca air barrachd dhuaisean

Tha sùilean Chinn a' Ghiùthsaich a-nise air tuilleadh dhuaisean às dèidh dhaibh Cupa MhicThàmhais a bhuannachadh Disathairne.

Ged a chuir Bhictor Mac a' Ghobhainn an Gearasdan air thoiseach tràth aig an Eilean, fhreagair Ceann a' Ghiùthsaich sa bhad tro Liam Borthwick.

Chum an Gearasdan, a tha a' cluich ann an lìog nas ìsle, ceann a' mhaide le sgioba Bhàideanach gu lethach-slighe, ach ghabh Kings smachd air cùisean san dàrna leth.

Air a' cheann thall chuir dà thadhal bho Savio Genini an cupa air ais a Cheann a' Ghiùthsaich uair eile is iad a' buannachadh 3-1.

Aona dhuais air an dreasair mar-thà is Kings, nach do chaill geama fhathast am-bliadhna, gu math misneachail gun tig tuilleadh anns na mìosan a tha air thoiseach.

Bidh misneachd gu leòr sa Ghearasdan cuideachd ge-tà, is an sgioba òg acasan a' sìor a thighinn air adhart.

Ann am Prìomh Lìog nam fear Disathairne rinn Lòbhat an gnothach air Loch Abar 4-2 is 's e 6-0 a bh' ann do Chabar Fèidh an aghaidh Ghleann Urchadain.

Ann an Cupa MhicAmhlaigh rinn Camanachd an Òbain an gnothach 3-1 air Caol Bhòid is thug Glaschu Meadhan Earra-Ghàideal pronnadh 6-0 air Eilean Bhòid.

'S e 6-0 a bh' ann cuideachd dha na Leòdhasaich ann an Siabost an aghaidh Shrath Ghlais.

Ann an iomain nam ban tha Bàideanach fhathast aig mullach na Lìge Nàiseanta gun dad a leigeil às às dèidh dhaibh buannachadh 4-0 an aghaidh Ghlinn Urchadainn Disathairne.

Chum na Sgitheanaich cuideam orra Didòmhnaich ge-tà, Caitlin NicIlleathain leis an dà thadhal is iad a' buannachadh 2-1 an aghaidh Inbhir Nis.

'S e 1-1 a bh' ann eadar Loch Abar is Ceann Loch Seile agus 8-2 do Dhùn Ad an aghaidh Àird nam Murchan.

/naidheachdan/bhidio/cd11g7y63meo