Main content

Na Leòdhasaich a' fàgail na Staggies

Tha Ross County air innse gu bheil an dithis Leòdhasach aca, Adam MacFhionghuin agus Matthew Wright gu bhith a' fàgail a' chluba, is na cùmhnantan aca a' tighinn gu ceann.

Chluich Wright ochd tursan far na beinge do na Staggies - an tadhal an aghaidh Rangers gus an a dheànamh 3-3 sna mionaidean mu dheireadh an rud bu mhotha a rinn easan gus aire a ghlacadh mus deach e air iasad do Elgin City agus Brechin City air an t-seusan a chaidh.

Bha MacFhionghuin air iasad aig Obar Bhrothaig airson an t-seusain a dh'fhalbh, thòisich esan aona gheàm do Chounty - an aghaidh Dundee United is thàinig e far na beinge trì tursan cuideachd.

/naidheachdan/sgeulachdan/cglld7l7lk5o