Main content

Rèis aig mullach an SWPL a' fàs nas fhaisge

Dh'fhàs cùisean aig mullach SWPL a h-Aon nas teinne Didòmhnaich le Rangers agus Celtic a' crìochnachadh co-ionnan le tadhal an urra aig Pàirce Ibrox.

Thug siud cothrom do Ghlasgow City ceum deatamach a ghabhail nas fhaisge air Rangers aig a' mhullach - a' toirt ath-bheòthachadh dha na dòchasan aca tiotal a' Phrìomh Lìg a ghlèidheadh às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air Tobar na Màthar.

Agus aig an aon àm, le bhith a' buannachadh nan trì puingean ann an Cille Bhrìghde an Ear, ghlac City Celtic a tha a' suidhe san dàrna àite, leis an dà sgioba a-nis co-ionnann air puingean.

Seo air thoiseach air an ath-chuairt de gheamaichean air an 3mh latha dhen Mhàrt - an geama mu dheireadh do gach sgioba mus tèid an lìg a sgaradh ann an dà leth airson an còrr dhen t-seusan.

Dà sgioba làn lùths

B' ann sa Mhàrt ann an 2023 mu dheireadh a chrìochnaich cùisean co-ionnan eadar Rangers agus Celtic ron gheama Didòmhnaich.

Agus b' ann dìreach dà mhìos às dèidh sin ann an Cupa na h-Alba mu dheireadh a rinn Celtic a' chùis air Rangers.

'S iad Celtic a bha air a' chas-chùil bho thoiseach a' gheama Didòmhnaich.

Thàinig Rangers faisg air a' chiad tadhal fhaighinn sa chiad leth le Jane Ross a' bualadh a' mhaide-tarsainn.

Agus bha neach-glèidhidh Celtic, Kelsey Daugherty ,gleusta gus stad a chur air Rangers fhaighinn air thoiseach uair eile nuair a thàinig i a-mach às a' bhogsa aice airson am ball a ghoid bho Rachel Rowe a bhris tron loidhne-dìon mar pheilear.

Gàirdeachas san dàrna leth

Dìreach mionaid a-steach dhan dàrna leth ge-tà, thàinig a' chiad tadhal - Amy Gallacher a' briseadh a' bhàla air ais do Natasha Flint is ise ga chur gu sìmplidh seachad air neach-glèidhidh Rangers, Jenna Fife.

Cha robh an t-uabhas ri chluinntinn taobh a-staigh Pàirce Ibrox ach càineadh bho luchd-taic Rangers air sgàth 's nach ro cead aig luchd-taic nan Celts a dhol dhan gheama ri linn draghan sàbhailteachd.

Co-dhiù, rinn àrd-choidse Rangers, Jo Potter atharrachadh dhan sgioba aice; às dèidh do Mia McAulay a bhith air a' phàirce airson dìreach mionaid no dhà, choisinn i gàirdeachas leis a' chiad breab dhen bhall aice.

Rachel Rowe a' socrachadh bàla àrd suas a' phàirce thuice agus a' cur a' bhàla gu McAulay is ise ga chur dhan lìon bho thaobh chlì a' bhogsa.

B' e bàla àrd eile, an turas seo suas taobh eile na pàirce, a chruthaich an cothrom às fheàrr dhen dàrna leth às dèidh an dà thadhal.

Ach a dh'aindeoin obair mhath Murphy Agnew briseadh a-steach dhan bhogsa, sheas Jenna Fife an àirde aison an oidhirp aice a chumail a-mach.

Bha aon chothrom eile air fhàgail sa gheama le Jane Ross a' dannsa seachad air neach-glèidhidh Celtic ach nuair a dh'fheuch i ris a' bhàla a chur dhan lìon, bha cluicheadairean dìon air a' bheàrn eadar na puist a lìonadh do Kelsey Daugherty.

Chrìochnaich e 1-1, leis an sgòr a' toirt cothrom air leth do Ghlasgow City gluasad nas fhaisge air a' chiad àite.

Cothrom do City

Cha bhiodh fhios air a bhith aig cluicheadairean City ciamar a chrìochnaich cùisean aig Pàirce Ibrox is iad fhathast a' cluich an aghaidh Thobar na Màthar.

Co-dhiù, rinn iad cinnteach gun do ghabh iad an cothrom na trì puingean fhaighinn nan aghaidh le Tobar na Màthar dìreach air dhà a-mach às na 17 geamaichean mu dheireadh aca a bhuannachadh.

Chaidh City air thoiseach tràth le Laurean Davidson a' cur ris an deich tadhail aice gu ruige seo dhan sgioba aice.

Cha mhòr nach do chruthaich i an dàrna tadhal aig City - le Bailley Collins a' cur a' bhàla dhan lìon aice fhèin.

A dh'aindeoin cuideam aig Tobar na Màthar air City bho àm gu àm, chuir an tadhal sin stad oirre tilleadh.

Agus chuir Davidson crìoch air cùisean le cìnnt leis an dàrna tadhal aice anns na mionaidean mu dheireadh dhen gheama.

Mar sin, tha Glasgow City air naoi geamaichean ann an SWPL a h-Aon a bhuannachadh sreath chèile a-nis is iad a' lorg cunbhalachd a bha a dhìth orra.

Ma leanas iad orra mar sin, bidh deireadh seusan inntinneach eile air fàire oirnn le Rangers agus Celtic gun dad a shealltainn gu bheil iad deiseil City a' leigeil seachad gu furasta.

Cùisean teann san lìg air fad

Chan ann a-mhàin aig mullach an lìg a tha cùisean teann.

Thug Hearts droinneadh 5-0 do Mon Rois airson sreap seachad, gu ìre, air Hibernian is an dà sgioba a-nis co-ionnan air puingean sa cheathramh agus sa chòigeamh àite.

'S iad Hibs a thug an cothrom sin do Hearts is iad a' call tadhal anmoch an aghaidh Phartick Thistle - tadhal a chuir an geama 1-1.

Ged a bha Dùn Dè Aonaichte 3-1 air thoiseach aig leth-ùine, thill Obar Dheathain san dàrna leth le trì tadhail dhaibh fhèin gus na puingean gu lèir a ghoid.

Agus bha coltas gun robh Hamaltan gu bhith a' togail air an t-seòrsa de dh'ath-bheòthachadh a tha air a bhith aca o chionn ghoirid is iad tadhal air thoiseach air Spartans ach chaill iad tadhal nan aghaidh ann an ùine a bharrachd.

Briseadh eadar-nàiseanta

Bidh cothrom aig cuid dhe na cluicheadairean anns a' Phrìomh Lìg anail a ghabhail a-nis le cùisean a' stad san fharpais air sgàth briseadh eadar-nàiseanta.

Cluichidh Sgioba na h-Alba an aghaidh nam Filipineach anns a' Chupa Pinatar air 24mh dhen mhìos - a' chiad gheama aca dhen bhliadhna.

/naidheachdan/sgeulachdan/cgrj342ypydo