Main content

Misneachd às ùr an Inbhir Pheofharain

Tha misneachd às ùr ann mu shuidheachadh Ross County is na Staggies air an dàrna geama a bhuannachadh sreath a chèile.

'S e 2-0 a bh' ann dha County aig Easter Road oidhche Mhàirt is na tadhail a' tighinn bho George Harmon is Alex Iacovitti.

Bha seo a' togail air mar a rinn iad an gnothach air St Mirren 3-2 ann an Inbhir Pheofharain Disathairne.

Tha County a-nise air leum suas dhan 10mh àite is cuid mar-tha a' dèanamh coimeis leis an t-seusan seo chaidh nuair a rinn iad adhartas mòr às dèidh tòiseachadh gu mall.

Moladh

A rèir am manaidseir, Malky MacAoidh, bha seo a' tighinn.

"Tha mi air mo dhòigh airson nan cluicheadairean oir tha iad air a bhith a' cluich math anns na seachdainean mu dheireadh is cha robh iad a' faighinn nam puingean air an robh iad airidh.

"Bha iad math fhèin an aghaidh St Mirren agus seo an aghaidh Hibs sheall iad gun robh iad a' creidsinn annta fhèin, bha iad ag iarraidh a bhith air a' bhall is Hibs a phutadh air ais. Tha sin a' sealltainn na misneachd a th' againn an-dràsta", thuirt e.

Bha moladh mòr ann do George Harmon is tadhail aige a-nise an aghaidh St Mirren agus Hibs.

Thog MacAoidh cuideachd air Victor Loturi, a thug e do dh'Inbhir Pheofharain as t-Samhradh à Canada còmhla ri a bhràthair, William Akio.

Thuirt MacAoidh gu bheil Loturi a' tighinn air adhart gu mòr mar-thà.

"Phàigh sinn £70,000 air a shon. 'S e tòrr a tha sin 'son Ross County ach chan e suim mhòr a th' ann airson sgiobaidhean eile san lìog seo.

"Fhuair mi fios mu Victor is a bhràthair is gun robh iad a' dèanamh math ann an Lìog Chanada. Tha tàlant aca is feumaidh iad dìreach fàs cleachdte ri ball-coise na h-Alba.

"Bha e mì-fhortanach gun tàinig oirnn Victor a thilgeil a-steach an aghaidh Rangers is Celtic tràth san t-seusan oir cha robh dol às againn, ach tha Victor a-nise a' cur eòlas air an lìog againn is bha e air leth san dà gheama mu dheireadh", thuirt e.

Dùbhlan

Tha dùbhlan mòr ro na Staggies a-nise ma tha iad 'son an treas geama a bhuannachadh ann an sreath is a' dol gu Parkhead Disathairne.

'S e sin an geama mu dheireadh a bhios aca mus tèid an lìog na tàmh airson Chupa na Cruinne.

"Bidh sinn a' dol ann airson rudan a dhèanamh cho duilich 's a ghabhas airson Celtic", dh'innis MacAoidh.

"Chan eil e àm sam bith furasta aig Parkhead ach bidh sinn deiseil air a shon", thuirt e.

/naidheachdan/63569085