Main content

Dà bhonn òir do shnàmhadair às na h-Eileanan an Iar

Shoirbhich le snàmhadair òg à Beinn nam Fadhla sa chiad cho-fharpais nàiseanta aice aig ìre òigridh.

Ghlèidh Marsaili NicRùairidh, 12, bonn òir san rèis freestyle thairis air 25 meatair agus fhuair i an dàrna fear san rèis snàmh-droma thairis air 25 meatair.

Tha i a' tighinn dhachaigh cuideachd le bonn umha an dèidh dhi crìochnachadh san treas àite san rèis buille-uchd thairis air 25 meatair.

Fhuair Marsaili taic bho Choidse Sgioba Arcaibh, Helen Rothnie, aig a' cho-fharpais ann an Inbhir Ghrainnse.

Tha Sgioba Spòrs is Slàinte Comhairle nan Eilean Siar ag obair còmhla ri Spòrs Ciorramachd na h-Alba, Snàmh Alba agus coidsichean snàimh sna h-Eileanan an Iar airson prògram trèanaidh a chruthachadh do Mharsaili.

/naidheachdan/63704372