Main content

Cupa a' Cho-op: United v Athletic

Tha fios aig na sgiobaidhean ball-coise ann an Lìog Leòdhais agus na Hearadh cò bhios nan aghaidh sa chiad chuairt de gach cupa - le geama mòr air fàire eadar United Steòrnabhaigh agus Athletic Steòrnabhaigh ann an Cupa a' Cho-op.

Aig an aon àm, chaidh taghadh Cupa Mholdòbha, Cupa Jock Stein agus Cupa ABC a dhèanamh cuideachd.

Bidh aig na Barraich ri faighinn seachad air A' Bhac ma tha iad airson na dòchasan aca an cupa a ghlèidheadh a chumail beò.

Bidh na Bacaich iad fhèin an dòchas greim a chumail air dà chupa air an t-seusan seo.

Bidh iad aig baile gus Athletic Steòrnabhaigh a chluich ann an Cupa Mholdòbha agus bidh na Hearaich a' tadhal orra ann an Cupa Jock Stein.

Tòisichidh Cupa ABC le trì dhiofar bhuidhnean le trì sgiobaidhean annta.

'S iad Athletic Steòrnabhaigh agus Na Hearadh a bhios còmhla ris An Taobh Siar - is na Siaraich airson 's nach fhàg an cupa na sgìre agus gun urrainn dhaibh tiotal na lìog a ghlèidheadh cuideachd.

CUPA A' CHO-OP

Barraigh v Am Bac

Beinn nam Fadhla v Càrlabhagh

Saints an Iochdair v An Rubha

Na Lochan v Uibhist a Tuath

Nis v Èirisgeigh

Na Hearadh v Southend

United Steòrnabhaigh v Athletic Steòrnabhaigh

An Taobh Siar troimhe chun ath-chuairt

CUPA MHOLDÒBHA

A' Chiad Chuairt

Na Lochan v Nis

An Dàrna Cuairt

Càrlabhagh v An Rubha

Athletic Steòrnabhaigh v Am Bac

Na Hearadh v An Taobh Siar

United SteòrnabhaIgh v Na Lochan/Nis

CUPA JOCK STEIN

A' Chiad Chuairt

An Rubha v Athletic Steòrnabhaigh

An Dàrna Cuairt

Am Bac v Na Hearadh

An Taobh Siar v United Steòrnabhaigh

Na Lochan v An Rubha/Athletic Steòrnabhaigh

Nis v Càrlabhagh

CUPA ABC

Buidhean 1

Na Lochan v Nis

An Rubha v Na Lochan

Nis v An Rubha

Buidhean 2

Athletic Steòrnabhaigh v Na Hearadh

An Taobh Siar v Atheltic Steòrnabhaigh

Na Hearadh v An Taobh Siar

Buidhean 3

Càrlabhagh v Am Bac

United Steòrnabhaigh v Càrlabhagh

Am Bac v United Steòrnabhaigh

/naidheachdan/sgeulachdan/cx9d2qzd1q8o