Main content

An Gearasdan air an dòigh le adhartas an Cupa na Camanachd

Thuirt co-mhanaidsear a' Ghearasdain gur e faochadh a bh' ann dha gun do chluich iad fada nas fheàrr san dàrna leth den gheama aca an aghaidh Chill Mhàilidh ann an Cupa na Camanachd.

Bha an Gearasdan dà thadhal air dheireadh aig lethach-slighe às dèidh thadhal bho Chalum MacDhùghaill agus Ben MacFhionghain do Chille Mhàilidh.

B' e ball àrd suas a' phàirce agus mearachd ann an loidhne-dìon a' Ghearasdain a dh'abhraich a' chiad fhear agus b' e an uair sin cluiche-sgiobalta a chuir Cille Mhàilidh 2-0 air thoiseach.

Co-dhiù, ged a dh' aidich Niall Robasdan gun tug e greis mus do dh'obraich na h-atharraichean aige, thill an Gearasdan gu làidir le còig tadhail san dàrna leth is iad a-nise gu bhith an aghaidh Inbhir Nis san dàrna chuairt.

Cha do thòisich sgiobair a' Ghearasdain Victor Mac a' Ghobhainn an geama is e fhathast a' tilleadh bho bhith air a ghoirteachadh ach abair gun do dh'atharraich e an geama.

Thàinig e air a' phàirce deich mionaidean ro leth-ùine agus a dh'aindeoin 's gun robh e faisg dà thuras air beulaibh an tadhail sa chiad leth, b' ann san dàrna leth a fhuair e trì tadhail leis a' chiad fhear aige a' dol a-steach dìreach mionaid a-steach ann.

Chuir Cam Stephen tadhal eile bhon taobh chlì mu chairteal na h-uarach às dèidh sin agus bha na sgiobaidhean co-ionann.

Ach abair gun robh gàirdeachas ann aig Pàirce a' Chanàil - am measg luchd-taic a' Ghearasdain co-dhiù - nuair a chaidh sgioba a' bhaile air thoiseach airson a' chiad uair sa gheama.

Dìreach ceithir mionaidean às dèidh tadhal Stephen, chaidh ball fada agus ìosal suas a' phàirce gu Victor Mac a' Ghobhainn is rinn esan an còrr.

Atharrachadh eile a' dèanamh feum don Ghearasdan

Le 20 mionaid air fhàgail air a' chleoc nochd Ryan Boyle, a thàinig air a' phàirce air sgàth cluicheadair eile a bhith air a ghoirteachadh, gus rocaid a chur dhan lìon.

Cha mhòr nach robh an geama seachad co-dhiù ach feumaidh gun robh Victor Mac a' Ghobhainn fhathast acrach is e a' faighinn an hat-trick aige is an geama a' crìochnachadh 5-2.

Beachdan Cam Stephen

"Chaidh sinn a-steach aig leth-ùine agus bha gu leòr aig na coidsichean ri ràdh mu mar a bha sinn a' cluich - agus bha siud a dhìth oirnn", thuirt Cam Stephen.

"Chunnaic sinn gu bheil Cille Mhàilidh gu math làidir am-bliadhna ach chluich sinn cho math 's ghabhas san dàrna leth - cha chreid mi gun do rinn sinn mòran ceàrr an uairsin, feumaidh mi aideachadh."

"Abair diofar a rinn Victor Mac a' Ghobhainn às dèidh dha tilleadh bho bhith air a ghoirteachadh."

"Cha chuireadh dad sam bith stad air na sgilean a sheall e leis a' bhall an-diugh" thuirt Cam.

Cille Mhàilidh

Bha manaidsear Chille Mhàilidh, Mark Mac a' Phearsain, e fhèin ag aideachadh gun do chluich Victor Mac a' Ghobhainn sònraichte math ach thuirt e gu bheil còir aca sùil a thoirt air mar a chluich iad fhèin thairis air na 90 mionaidean agus nach robh iad toilichte idir mar a chrìochnaich an geama dhaibh.

"Feumaidh sinn tilleadh an aghaidh na Manachainn an ath-sheachdain san lìog agus puingean fhaighinn air a' bhòrd", thuirt Mac a' Phearsain.

Tha a' Mhanachainn aig mullach na Lìog Nàiseanta ceithir geamaichean a-steach dhan t-seusan is Cille Mhàilidh a' suidhe san t-siathamh àite, a' buannachadh dìreach aon gheama gu ruige seo.

Còig sgiobaidhean eile troimhe

A dh'aindeoin 's gun robh ùine a bharrachd a dhìth air a' Mhanachainn, chuir iad trì tadhail a-steach ann airson faighinn seachad air Srath Ghlais 4-1.

Thug Inbhir Nis droinneadh 5-0 air Àird nam Murchan air falbh bhon taigh.

Bha cùisean nas sìmplidh buileach do dh'Inbhir Aora an aghaidh Obar Dothair is iad a' buannachadh 9-0.

Rinn Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal a' chùis air Cille Mhoire 6-0.

Agus bha geama faisg eadar Chaol-Ghleann agus Eilean Bhòid ach 's iad na h-eileanaich a fhuair an tadhal a rinn an diofar is iad a' buannachadh 3-2.

Ceann a' Ghiùthsaich agus Camanachd an Òbain

Tha Ceann a' Ghiùthsaich air sia geamaichean sreath chèile a bhuannachadh sa Phrìomh Lìog a-nis às dèidh dhaibh tighinn am bàrr an aghaidh Camanachd an Òbain.

Às dèidh ball a-steach bhon taobh chlì, ghlac Dylan Borthwick loidhne-dìon Camanachd an Òbain nan cadal agus bhuail e am ball gu cruaidh seachad air an neach-glèidhidh faisg air leth-ùine.

Fhreagair Camanachd an Òbain san dàrna leth - le loidhne-dìon Cheann a' Ghiùthsaich a' suidhe caran àrd, chaidh ball fada seachad orra suas gu Daniel MacBhiocair.

Bha lùths gu leòr ann an casan Cheann a' Ghiuthsaich airson faighinn air ais agus cuideam a chur air ach thionndaidh MacBhiocair gu sgiobalta agus chuir e an geama co-ionann.

Cha tug e ach trì mionaidean do Cheann a' Ghiùthsaich a dhol air ais air thoiseach ge-tà tro Ruaridh MacAnndrais.

Na geamaichean eile sa Phrìomh Lìog

Chùm na Sgitheanaich orra le deagh thoiseach-tòiseachadh air an t-seusan seo is iad fhathast dìreach dà phuing bhon mhullach às dèidh dhaibh buannachadh 3-2 an aghaidh Chaol Bhòid ann am Port Rìgh.

Chaidh na puingean a sgaradh eadar Loch Abar agus Lòbhat is an geama eatorra a' crìochnachadh 3-3.

Às dèidh dhaibh strì beagan aig toiseach an t-seusain, tha Baile Ùr an t-Slèibh a-nis air trì geamaichean sreath chèile a bhuannachadh san lìog - rinn iadsan a' chùis air Ghleann Urchadain 4-1.

Agus ann am meadhann na lìog, tha dìreach aon phuing eadar Cabar Fèidh agus Ceann Loch Seile le Craig Moireasdan a' cur dà thadhal do Chabar Fèidh aig Caisteal Leòid is an geama a' crìochachadh 2-0.

/naidheachdan/sgeulachdan/cd1vr1zdd7vo