Main content

Soirbheachas dha Leòdhasaich òga

Chan eil sgioba iomain san dùthaich, tha fios, a tha cho cleachdte ri siubhal ri Camanachd Leòdhais is iad a' falbh air feadh na Gàidhealtachd gus am bi cothrom aca cluich ann am farpaisean.

Tha e cho math ma-thà gu bheil òigridh a' chluba an-dràsta a' cur eòlas an dà chuid air siubhal agus air farpais is iad a' cluich sreath de gheamaichean air tìr-mòr.

'S ann gu math bòidheach a tha an t-ionnsachadh sin air a bhith cuideachd is na Leòdhasaich air Cuach a' Chuain Sgith a thogail is iad a' soirbheachadh 4-1 an aghaidh Bun-sgoil Ullapul.

'S e seo a' chiad turas a bha an fharpais, a bha air a cluich eadar Camanachd Leòdhais is Loch Bhraoin aig ìre inbhich gu traidiseanta, ann bho 2013.

Tha a' chuairt a' leantainn le geamaichean eile Dihaoine agus farpais ann an Druim na Drochaid Disathairne.

Gheibh na h-eileanaich òga cothrom an uairsin iomain aig àrd-ìre a choimhead is iad gus a bhith aig Caisteal Leòid airson a' gheama eadar Cabar Fèidh is Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal.

Tha Camanachd Leòdhais ag ràdh gur e turas air leth cudromach a tha seo gus misneachd a thoirt dhan òigridh is eòlas air farpais an aghaidh sgiobaidhean eile bho air feadh na dùthcha.

Bithear an dòchas gun tig sin gu buil anns na bliadhnaichean ri tighinn is gun ruig cuid de na cluicheadairean òga a' chiad sgioba.

Tha là mòr acasan Disathairne cuideachd is iad a' cluich aig an taigh 'son a' chiad uair am-bliadhna an aghaidh Inbhir Nis.

Tòisichidh an geama sin ann an Siabost aig 2.30f.

/naidheachdan/sgeulachdan/c51pz85yvx1o