Main content

Goireasan spòrs an asgaidh do chlubaichean eileanach

Gheibh clubaichean spòrs anns na h-Eileanan Siar cothrom air goireasan spòrs Comhairle nan Eilean Siar saor an asgaidh.

Tha seo mar phàirt de phròiseact ùr aig an ùghdarras ionadail le taic-airgid a' tighinn bho Oighreachd a' Chrùin.

Bidh e a' ciallachadh gun urrainn clubaichean is buidhnean aig a bheil ballrachd ann an Comhairlean Spòrs Leòdhais is na Hearadh is Uibhist is Bharraigh goireasan spòrs na Comhairle a chleachdadh gun chosgais.

Thuirt a' Chomhairle gum bi e mar sin comasach do chlubaichean an t-airgead a tha iad a' togail a chosg air gnothaichean mar uidheamachd ùr, coidsichean a leasachadh, is siubhal a Thìr-Mòr.

Feum

"Tha sinn air ar dòigh gu bheil buill na Comhairle air taic a chur ris a' phròiseact seo is tha sinn cinnteach gun dèan e feum mòr do chlubaichean is buidhnean saor-thoileach air feadh nan Eilean Siar", thuirt Manaidsear nan Goireasan Spòrs aig Comhairle nan Eilean Siar, Tony Wade.

"Tron phandemic rinn na buidhnean seo obair mhòr gus daoine a chumail a' dol le spòrs is eacarsaich, is gum biodh daoine òga a' measgachadh ri chèile", thuirt e.

Dh'innis a' Chomhairle gun dèan iad measadh air mar a tha an sgeama a' dol le dòchas gun lean e san àm ri teachd ma thig an tuilleadh taic-airgid.

Thuirt iad gun urrainn do chlubaichean is buidhnean brath a chur air na h-oifigearan spòrs coimhearsnachd aca gus faighinn a-mach ciamar a gheibh iad ballrachd anns na Comhairlean Spòrs.

Tòisichidh an sgeama ùr aig toiseach na Sultaine.

/naidheachdan/62050822