Main content

An Gearasdan sìos is a' Mhanachainn suas

Tha fios le cinnt a-nise cò na sgiobaidhean a bhios a' cluich ann am Prìomh Lìog nam fear san iomain an ath-sheusan.

Cha bhi sgioba à Loch Abar nam measg is an Gearasdan air a dhol sìos còmhla ri Cill Mhàilidh.

Chaidh sin a dhearbhadh Disathairne nuair a chaill an Gearasdan 3-0 ri Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal, na tadhail a' tighinn bho Iain Mac an Ultaich is a dhà bho Chraig MacAnndrais.

Seusan air leth dha sgioba a' bhaile mhòir is iad air fuireach sa Phrìomh Lìog is air an Cupa Ceilteach a bhuannachadh, a thuilleadh air soirbheachas aig ìre òigridh cuideachd.

'S e droch sheusan a bh' aig a' Ghearasdan ach abair gum bi blas làidir Abrach air an Lìog Nàiseanta an ath-sheusan is iad fhèin, Cilll Mhàilidh is Loch Abar uile gu bhith a' farpais an aghaidh a chèile.

Suas leis a' Mhanachainn

Dhearbh a' Mhanachainn an t-àite acasan sa Phrìomh Lìog an ath-sheusan cuideachd nuair a rinn iad a' chùis air Inbhir Aora 1-0.

Cha robh a dhìth orra ach puing ach fhuair iad a dhà le tadhal bho Ryan MacAoidh aig fìor dheireadh a' gheama.

Chuir sin a' Mhanachainn gu mullach na lìge.

Feumaidh iad a-nise feitheamh 'son faicinn mar a thèid leis na Sgitheanaich ann an Inbhir Aora an ath-sheachdain is puing a dhìth air na h-eileanaich 'son leum air ais chun a' mhullaich is an lìog a bhuannachadh.

"Dh'fhàg sinn e gu math anmoch", thuirt co-mhanaidsear na Manachainn, Niall MacIllinnein.

"Rinn Inbhir Aora cùisean duilich dhuinn ach rinn sinn an gnothach air a' cheann thall agus 's e dòigh mhath a bh' ann an seusan a thoirt gu ceann.

"Tha sinn sa Phrìomh Lìog a-nise is bha deagh sheusan againn. Tha an tiotal ann an làmhan nan Sgitheanach a-nise is chì sinn dè thachras", thuirt e.

Dòchas

Rinn manaidsear Inbhir Aora, Ruairidh Greumach, moladh air an sgioba aigesan is e ag ràdh gun robh iad air ionnsachadh às mar a chaill iad 5-1 ris a' Mhanachainn sa chuairt dheireannaich de Chupa a' Bhaile Mhòir.

Thuirt an Greumach gu bheil tuilleadh ri tighinn bhon sgioba aige ma chumas iad orra.

Anns na geamaichean eile Disathairne rinn Lòbhat an gnothach air Ceann Loch Seile 5-1 sa Phrìomh Lìog.

Sa Chiad Lìog mu Thuath rinn na Sgitheanaich an gnothach 2-0 air Cabar Fèidh is 's e 3-0 a bh' ann do Bhaile Ùr an t-Slèibh an aghaidh Ghlinn Urchadain.

Chuir sin am Baile Ùr gu mullach na lìge.

/naidheachdan/63454514