Main content

Sgitheanaich aona phuing bhon tiotal

Chan eil a dhìth air Camanachd an Eilein Sgitheanaich a-nise ach puing airson an Lìog Nàiseanta ann an iomain nam fear a bhuannachadh.

Rinn na Sgitheanaich cinnteach air àite sa Phrìomh Lìog an ath-sheusan nuair a bhuannaich iad 2-0 an aghaidh na Manachainn.

Thàinig an dà thadhal car anmoch sa gheama bho Ross Gòrdan (73) is Seumas Pringle (82).

B' e seo a' chiad turas a bha a' Mhanachainn air call san lìog am-bliadhna.

Feumaidh na Sgitheanaich a-nise puing ann an Inbhir Aora Disathairne seo tighinn airson an tiotail, is bidh iad gu math misneachail às dèidh dhaibh an dearbh sgioba a phronnadh 5-1 an t-seachdain seo chaidh.

Dearbhadh

Tha a' Mhanachainn fhathast a' feitheamh dearbhadh cinnteach air àite sa Phrìomh Lìog ach, le 25 tadhail eadar iad fhèin is Inbhir Aora, 's e an aon cheist cuin a thig e, agus an e a' Mhachanainn no na Sgitheanaich a gheibh an tiotal.

Tha làmh an uachdair a-nise aig na h-eileanaich san rèis sin.

Thig Cill Mhàilidh sìos bhon Prìomh Lìog is iadsan air call 4-0 ri Camanachd an Òbain.

Sa gheama eile sa Phrìomh Lìog rinn Cabar Fèidh an gnothach air Lòbhat 1-0.

Agus 's e Baile Ùr an t-Slèibh a thog Cupa an t-Sutharlannaich is iad a' soirbheachadh 3-2 an aghaidh Lòbhait sa chuairt dheireannaich.

B' e dithis le bliadhnaichean de dh'eolas is buinn gu leòr - Glen Mac an Tòisich is Evan Menzies - a chuir tadhail a' Bhaile Ùir.

/naidheachdan/63204506