Main content

Neach a bharrachd air a' phàirc dhan Ghàidhlig

Tha seanfhacal gu math dathach a chluinnear bho àm gu àm; 'S fhiach an neach aig a bheil dà chànan dithis.

Bhiodh e sàbhailte a ràdh nach eil teagamh aig an neach a chanas a leithid de dh'fhaclan mu na dorsan as urrainn do chànan agus do chainnt fhosgladh. Ach chan eil an leithid de dh'abairt - agus an ìomhaigh a tha e a' togail - ro fhada air falbh bho rudan a chluinnear ann an saoghal spòrs nas motha.

Gu tric cluinnear mu bhith a' cluich le neach a bharrachd air a' phàirc. Ann an cuid de dhòighean chan eil cànan agus spòrs cho fada air falbh bho chèile, ach am biodh dòigh ann an dà rud a thoirt còmhla ann an cruth a bhiodh na bhuannachd dhan Ghàidhlig agus do dh'fheadhainn aig a bheil ùidh ann am ball-coise?

Nuair a thàinig iomadh co-fharpais, tachartas agus seusan spòrs gu crìch anns a' Mhàrt air sgàth dhraghan mu Chovid-19, bha aon phròiseact nach robh ach gu tòiseachadh. Le ùidh ann an cànan agus ann am ball-coise, agus a-nis le ùine airson rudeigin a dhèanamh leis an ùidh sin, stèidhich Calum Fearghasdan agus Donnie Foirbeis pròiseact ùr leis an ainm 'FC Sonas'. Mar amas aig an dithis sheann charaidean, bha àrd-ùrlar a thogail air am b' urrainn don Ghàidhlig a bhith air a cleachdadh agus ri cluinntinn mar a bhiodh ann an roinnean eile.

Thàinig an dithis le chèile tro shlighe foghlaim na Gàidhlig. Le sin bha cànan, agus na tha cànan a' ciallachadh do mar a bhios coimhearsnachdan gan tuigsinn fhèin, riamh nam puingean air an robh an dithis ghillean mothachail. Às dèidh na sgoile ge-tà, 's e slighe gu saoghal a' bhuill-coise a ghabh an dithis. Thòisich Calum air cluich ann an Alba, mun d' fhuair e an cothrom blasad den spòrs ann an Canada agus ann an Sealan Nuadh fhaighinn cuideachd.

Do Dhonnie, bha iomadh oidhche air a cosg mar choidse, a' trèanadh chluicheadairean òga anns a' choimhearsnachd. Mar phàirt den obair, bhiodh e a' trèanadh fheadhainn òga aig nach biodh an cothrom ball-coise a chluich mar as àbhaist idir. Eadar an dithis, bha eòlas air a bhith a' feuchainn rudan ùra, agus a' cruthachadh amannan agus àiteachan do dhaoine aig nach biodh cothroman.

'S ann anns a' Mhàrt a fhuair an dithis an cothrom rudeigin ùr fheuchainn còmhla. Le aire air cho cudromach 's a tha cànan, coimhearsnachd agus spòrs, dh'fhaighnich an dithis carson nach robh àite ann air an leanaig far am b' urrainn dhaibh Gàidhlig a thoirt dhan bhall, agus ball a shadail gu casan na Gàidhlig. Leis nach robh an leithid ann, stèidhich iad fhèin iomairt leis an dearbh fheallsanachd sin.

"Nuair a bha mise a' dol tro fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig, cha robh mise ro mhath anns an sgoil", tha Donnie a' mìneachadh.

"Bha mise ag iarraidh a bhith a-mach a' cluich ball-coise. A h-uile turas a bha mi ag iarraidh a bhith a' cluich ball-coise, 's e suidheachadh anns a' Bheurla a bh' ann. Ach airson FC Sonas tha sinne ag iarraidh a' chothroim sin airson a bhith a' bruidhinn Gàidhlig ann an àite a tha dìreach àbhaisteach agus nàdarra."

Ghreimich Calum agus Donnie air an ròpa a thug saoghal air-loidhne dhaibh. B' ann an sin a bha daoine rin lorg, agus b' ann an sin a thòisicheadh gillean FC Sonas. Aig àm àbhaisteach 's ann a' bruidhinn Gàidhlig agus a' cluich ball-coise a bhiodh daoine. Rinn na gillean sin gu dearbh, ach bha iad deònach cuideachd ball-coise a bhruidhinn agus cluich leis a' Ghàidhlig.

A rèir Chaluim, seo rud a tha a' neartachadh cànan agus comas; "'S e ball-coise an geama as motha anns an t-saoghal. Tha tòrr ag ràdh gur e Gàidhlig cànan nach buinn ach dhan Ghàidhealtachd, agus tha sin ceàrr. Tha Gàidhlig air a bhith air feadh an t-Saoghail. Tha ball-coise air feadh an t-Saoghail. Mar sin nuair a tha thu a' cur an dà rud ri chèile, tha rudeigin gu math làidir agad."

Le eacarsaidean ag amas air an dà chuid Gàidhlig a neartachadh agus sgilean leis a' bhall adhartachadh, tha iomairt FC Sonas air a dhol bho neart gu neart. Tha dùbhlan nan gillean a-nis a' toirt taic do bhanca-bìdhe - rud cho feumail 's a th' ann ri linn cho doirbh 's a tha cùisean do mhòran an-dràsta. Tha duilleagan FC Sonas air na meadhanan sòisealta air na mìlltean de dhaoine a thàladh, tro a bhith a' bruidhinn ri daoine bho thaobh a-staigh agus bho thaobh a-muigh structaran àbhaisteach na Gàidhlig. Buinidh ball-coise ris an t-Saoghal, ach buinidh agus cànan nan Gàidheal.

Thar nam mìosan a chaidh seachad, tha gillean FC Sonas air cothrom a thoirt do dhaoine faclan anns a' Ghàidhlig a thogail, agus còmhraidhean a thòiseachadh mu àite chànain agus coimhearsnachd anns an spòrs. Ach tha iad cuideachd air gluasad a thòiseachadh airson bruidhinn mu àite spòrs ann a bhith a' dèanamh cinnteach gun cùm feadhainn a dh'fhàs suas leis a' Ghàidhlig ùidh anns a' chànan tro mheadhan a tha cho sìmplidh ri ball agus tadhal.

Bhiodh e furasta a ràdh gun tàinig stad air spòrs air agus far na pàirce am-bliadhna. Chan eil feallsanachd FC Sonas a' gabhail ri sin. Ann an naoi mìosan, tha FC Sonas air carthannas, cothroman agus cànan a thoirt fo bhratach spòrs, agus air spòrs a thoirt fo bhratach na Gàidhlig. Ann an iomadach dòigh, seo iomairt a tha a' toirt neach a bharrachd do sgioba na Gàidhlig air leanaig an t-Saoghail.

/naidheachdan/55360449