Main content

Taghadh Chupa na Camanachd

Thèid Ceann a' Ghiùthsaich an aghaidh Camanachd an Òbain, is Lòbhat an aghaidh Caol Bhòid no Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal 'son àite sa chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd.

Rinneadh an taghadh beò air An Là air Â鶹ԼÅÄ ALBA oidhche Luain.

Chaidh e air adhart aig an Dail ann an Ceann a' Ghiùthsaich, far am bi a' chuairt dheireannach san t-Sultain.

Bha Ceann a' Ghiùthsaich air àite a chosnadh san iar-chuairt dheireannaich le Camanachd an Eilein Sgitheanaich a phronnadh 7-0 ann am Port Rìgh.

Dùbhlan

Bidh dùbhlan nas motha aca, shaoileadh tu, an aghaidh Camanachd an Òbain, is iadsan air Ceann Loch Seile - a bhuannaich an cupa an-uiridh - a chur a-mach Disathairne.

Rinn Lòbhat an gnothach air Inbhir Aora 'son an ìre seo a ruighinn ach bidh aca ri feitheamh gu Disathairne 'son faighinn a-mach cò bhios nan aghaidh, is Caol Bhòid is GMA gus coinneachadh ann an Taigh na Bruaich.

Bidh an geama eadar Lòbhat is Caol Bhòid/GMA ann air an 6mh den Lùnastal.

Thèid an geama eadar Ceann a' Ghiùthsaich is Camanachd an Òbain air adhart air an 13mh no 14mh den Lùnastal.

Thèid an dà gheama a chraoladh beò air Â鶹ԼÅÄ ALBA.

/naidheachdan/62132431