Main content

Aon cheum nas fhaisge air Cupa na Cruinne

Dh'fhaodadh Sgioba ball-coise nam Ban aig Alba a bhith dìreach aon gheama air falbh bho Chupa na Cruinne 2023.

Rinn na h-Albannaich a' chùis air an Ostair ann an iar-chuairt dheireannach na farpais dearbhaidh oidhche Ardaoin.

Chaidh 90 mionaid seachad gun tadhail ach chuir Abi Harrison na h-Albannaich air thoiseach tràth ann an ùine a bharrachd.

Tha sin gam fàgail le cothrom Cupa na Cruinne a ruighinn airson an dàrna turas nan eachdraidh anns an ath-gheama aca an aghaidh Poblachd na h-Èireann Dimàirt.

Bidh dà chuairt dheireannach eile a' dol aig an aon àm agus thèid dà sgioba a shoirbhicheas sna geamaichean sin dhan fharpais ann an Astràilia agus Sealann Nuadh gun chèist.

'S ann leis an dà sgioba leis a' chlàr às fheàrr bho ìre nam buidhnean a bhios an cothrom sin.

Bidh aig an treasamh dùthaich ri àite a chosnadh ann am farpais dhearbhaidh eile - An Fharpais Chaidreachais.

Cha do chuir an droch-aimsir dragh air an àireamh as motha de luchd-taic sgioba nam ban aig Alba airson geama fharpaisich - 10,182 dhiubh.

Faochadh

Bha aca ri feitheamh airson tadhail ge-tà, is Abi Harrison a' cur na sgioba aig Pedro Martinez Losa air thoiseach le 92 mhionaid air a' chleoc.

Cha robh mòran chothroman aig an dà sgioba mus deach an tadhal aig an cluicheadair Bristol City a-steach.

Bhual an Ostair am maide-tarsainn beagan ro letheach-ùine agus 's ann dhaibhsan a bha na cothrom a b' fheàrr san dàrna-leth is Alba a' strì airson smachd fhaighinn air a' gheama.

Cha deach gin dhiubh a-steach ge-tà, agus bha ùine a bharrachd a dhìth airson dèanamh a-mach cò a bha a' dol troimhe chun na h-ath-chuairt.

Cha mhòr nach deach mionaid gu leth seachad ann an ùine a bharrachd mus d' fhuair Alba breab-oisein air taobh chlì na pàirce.

Chuir Erin Cuthbert ball sònraichte math chun a' phuist-chùil agus dh'èirich Abi Harrison le a ceann airson am ball a bhualadh seachad air tè-ghlèidhidh na h-Ostaire.

Chaidh an luchd-taic craicte agus leis nach do fhreagair An Ostair le tadhal dhaibh fhèin, chaidh iad craicte le toileachas agus dòchas turas eile aig làn-ùine.

"Tha sinn air traidisean a bhriseadh"

"Rinn sinn cinnteach nach robh dràma ann aig deireadh a' gheama," thuirt àrd-choidse na h-Alba, Pedro Martinez Losa.

"Tha an sgioba air a bhith ag obair gu cruaidh air a' phàirce agus far na pàirce airson ar cultar agus comasan-inntinn a dhèanamh nas treasa.

"'S ann airson an luchd-taic a dhèanamh pròiseil a tha sinn a' cluich agus tha sinn an dòchas barrachd dhiubh fhaicinn aig an ath-gheama againn.

"Tha na cluicheadairean ag amas air brosnachadh a thoirt do nigheanan, boireannaich agus an dùthaich air fad."

Cluichidh na h-Albannaich an aghaidh Poblachd na h-Èireann oidhche Ardaoin aig Pàirce Hampden is tòisichidh an geama aig 6:00f.

Saoil am bi barrachd ghàirdeachais ri fhaicinn am measg Luchd nam Breacan às dèidh a' gheama sin cuideachd...?

/naidheachdan/63171336