Main content

Fearghasdan "a' fuireach" aig ICT

Chan eil càil a dhùil aig manaidsear Chaley Thistle Inbhir Nis, Donnchadh Fearghasdan, an cluba fhàgail - ged a tha cunnart ann gun tèid an sgioba aige sìos a Lìog 1.

Tha iad a' cur feum air taic airson na play-offs a sheachnadh, agus iad an dòchas nach dèan Queen's Park a' chùis air Airdrieonians Dihaoine.

Feumaidh sgioba Inbhir Nis aire a chumail air a' ghèam aca fhèin ge-tà, agus puing no puingean fhaighinn an aghaidh Morton.

Tha tuilleadh aig Ailean MacLeòid.

/naidheachdan/sgeulachdan/cv20jyxr094o