Main content

Cupa Alba nam Ban: Celtic & Rangers troimhe ach chan eil Glasgow City

Tha sgiobannan nam ban aig Celtic agus Rangers troimhe gu na cairteal cuairtean deireannach de Chupa na h-Alba.

Chuir Hibernian Glasgow City a-mach air falbh bhon taigh às dèidh breaban-peanais.

Seo a' chiad uair bho 2008 far nach bi City an sàs ann an cairteal cuairtean deireannach Cupa na h-Alba.

Bha dùil ri geama faisg eadar City agus Hibs is an dà sgioba a' dol a-steach dhan chòigeamh cuairt.

A dh'aindeoin 's gun d' fhuair Lauren Davidson a' chiad tadhal den gheama do City dìreach seachd mionaidean a-steach dhan chiad leth, 's e geama teann a bh' ann agus fhuair Leah Eddie tadhal a bhiodh cho cudromach sa ghabhas do Hibs le mu dheich mionaidean ri dhol gu leth-ùine.

Dh'fhuirich e aig 1-1 gu deireadh a' gheama agus às dèidh ùine a bharrachd.

Ach an uairsin, shàbhail neach-glèidhidh Hibs, Nina Wilson oidhirp Mairead Fulton bhon spot.

Thug sin cothrom do Joelle Mhoireach am breab-peanais aicese a chuir dhan lìon airson Hibs a chuir troimhe - agus sin a rinn i. Thàinig am ball far a' phuist agus seachad air Lee Gibson.

Chrìochnaich na breaban-peanais le Hibs a' tighinn am bàrr 5-4.

Celtic agus Rangers troimhe gu cofhurtail

Bha cùisean nas sìmplidh do Celtic agus Rangers air an t-slighe dhan chairteal chuairt dheireannaich.

Chùm Rangers orra 's iad gun geama a chall thairis air na farpaisean gu lèir ann an Alba.

Rinn iad a' chùis air Dundee United 9-0 aig Pàirce Broadwood a' ciallachadh gu bheil sgioba Jo Potter air trichead tadhal sa sia a chuir bhon a thòisich a' bhliadhn' ùir.

Chuidich trì tadhail bho Natalie Ross Celtic gu soirbheachas is iad a' dèanamh a' chùis air Hamaltan 6-0.

Togail a bha seo do Celtic às dèidh dhaibh call an aghaidh Glasgow City an t-seachdain seo chaidh sa Phrìomh Lìg.

B'e faochadh a bh' ann do dh'àrd-choidse Celtic Elena Sadiku cuideachd is i a' buannachadh a' chiad gheama aice os cionn na Hoops bhon a thòisich i air an 15mh den Fhaoilleach.

Ochd sgiobannan air fhàgail

'S iad Partick Thistle an treas sgioba à Glaschu a chaidh troimhe is iad a' cur Queen's Park a-mach.

Thàinig Spartans am bàrr an aghaidh Obar Dheathain 2-1 ann an geama faisg is Spartans a' buannachadh airson a' chiad uair bho mheadhan na Sultaine.

Bha breaban-peanais a dhìth air Baile Dhunlèibhe cuideachd airson faighinn seachd air Gartcairn.

Chuir Mon Rois còig tadhail seachad air Oilthigh Shruighlea gun fhreagairt.

Agus fhuair Hearts an àireamh às motha de thadhail den latha is iad a' faighinn deich dhuibh an aghaidh Fìobha an Ear.

Thèid taghadh a dhèanamh airson na cairteal cuairtean deireannach de Chupa na h-Alba oidhche Luain.

/naidheachdan/sgeulachdan/c8vn6d7vvg9o