Main content

Aiseirigh Shaun Rooney

"ROOOOOOONNNEEEEEY".

Tha fios nach eil mòran rudan nas fheàrr do chluicheadair ball-coise na bhith a' cluintinn luchd-leantainn a' seinn d'ainm. Gu h-àraidh aig deireadh gheama is thu dìreach air buaidh mhòr a thoirt air gnothaichean is nad ghlòir a' fàgail na pàirce.

Ach a-mhàin ma 's e is gur e luchd-taic na sgioba eile a tha gad mholadh.

B' e sin an saoghal a bh' aig Shaun Rooney aig Caley Thistle nuair a thadhail Alloa Athletic air a' Ghàidhealtachd san Lùnastal 2018.

Ged a bha Alloa sìos gu deichnear tràth san dàrna leth, bha fear òg aca air iasad bho Thobar na Màthar air a' chliathaich a bha a' dèanamh beatha gu math duilich do Shaun Rooney.

Caran

Cha chuireadh Rooney bochd smachd air Jakie Hastie idir. Le diogan air fhàgail is ICT 2-1 air thoiseach, ruith Hastie seachad air Rooney uair eile is chaidh a shlaodadh gu talamh sa bhocsa.

Chuir Alloa am breab-peanais dhan lìon, theich iad le puing is chaidh còisir bheag shona de dhìlisich air ais sìos an A9 gu Siorrachd Clach Mhanainn le òran magaidh air am bilean.

"ROOOOOOONNNEEEEEY".

Agus gu fìrinneach, cha b' e an aon turas a rinn Shaun Rooney bùrach den t-seòrsa sin.

Às dèidh dha tòiseachadh le Queen's Park, bha Rooney air ùine a chur seachad le Dùn Phàrlain, York City is Queen of the South mus do landaig e air a' Ghàidhealtachd.

Bha luchd-taic nan sgiobaidhean uile gu ìre mhòir aonaichte mu dheidhinn mar chluicheadair. Mar dhuine mhòr, thapaidh is an ìre mhath luath, bha an comas aig Rooney a bhith cunnartach a' ruith sìos na cliathaich bho àite dhomhain.

Chanadh cuid gun robh e car coltach ri tarbh is e cha mhòr do-dhèante stad a chuir air nuair a fhuair e gu dol.

B' e an duilgheadas gun robh am pròiseas co-dhùnaidh aige nuair a ruigeadh e ceann eile na pàirce aig amannan car coltach ri tarbh cuideachd. Cha robh fios agad dè dhèanadh e. 'S dòcha nach robh fios aige fhèin. Bhiodh e uaireanan a' call smachd air fhèin. Is mar a sheall Jake Hastie an là sin, 'son duine a bha a' cluich aig a' chùl, bha ceistean gu leòr mun dìon aig Rooney.

Ged a bha faireachdainn ann gum faodadh feadhainn eile aig a' chùl 'son ICT aig an àm a dhol air adhart dhan Phrìomh Lìog - leithid Coll Donaldson is Jamie McCart - cha robh beachd ann gur e sin a bha an dàn do Shaun Rooney.

Adhartas

Ach bha tàlantan aige is manaidsear ann an Iain Robasdan le tuigse is eòlas air mar a gheibheadh e an cuid as fheàrr à cluicheadairean.

Is bha rud eile ann am fàbhar Rooney: cridhe mòr. Ged nach robh a' chiad sheusan aige ann an Inbhir Nis cho soirbheachail sin, dh'fhàs luchd-taic Inbhir Nis nas measaile air. Fear a bha seo a bha a' feuchainn cho cruaidh gach geama is a bha comasach air briseadh le lùths, gu brith dè na laigsean eile a bh' aige.

Bha an dàrna sheusan aige na b' fheàrr buileach ach bha fhathast ioghnadh air cuid nuair a chuir e ainm ri ro-chùmhnant le St Johnstone. Mi fhìn nam measg. Às dèidh Rooney fhaicinn grunn thursan, bha teagamh orm an robh e comasach air ceum eile suas a dhèanamh. Ok, 's dòcha gun robh mi am measg nam bleagairtean à Alloa a bha uaireigin a' fanaid air.

Bha coltas toiseach an t-seusain seo gun robh am Prìomh Lìog dha-rìribh gu bhith cus dha. 'S e fear òg a bha Saints air toirt air iasad bho Millwall, Danny McNamara, a bha a' cluich RB is moladh gu leòr ga dhèanamh air.

Nuair a fhuair Rooney cothrom, bha luchd-taic St Johnstone den bheachd gun robh coltas rudeigin mì-chofhurtail air.

Ach nuair a chaidh McNamara a ghairm air ais a Lunnainn le Millwall san Fhaoilleach, chaidh Rooney gu sgioba St Johnstone is sin far an do dh'fhuirich e.

Tha còig tadhail aige a-nise. Chuir e tadhal an aghaidh Dhùn Phàrlain sa chairteal chuairt dheireannaich de Chupa na Lìge. Tadhal eile an aghaidh Hibs san iar chuairt dheireannaich. Is an uairsin an tadhal Didòmhnaich a bhuannaich an cupa dha Saints an aghaidh Bhaile Dhùn Lèibhe.

B' e comharra a bh' ann air fàs Rooney gun do dh'atharraich Baile Dhùn Lèibhe an siostam aca feuch stad a chur air le Marvin Bartley a chur na aghaidh. Rud nach do dh'obraich.

Dìreach mar nach do dh'obraich plana Hibs brath a ghabhail air na laigsean dìon aige le Jamie Murphy a chur na aghaidh.

Euro 2020

Aiseirigh iongantach uile gu lèir is coltas gu bheil Rooney air fàs mar chluicheadair sa h-uile dòigh.

Chun na h-ìre is gu bheil cuid a-nise a' bruidhinn air Shaun Rooney agus sgioba na h-Alba. Uill, tha trioblaid againn aig RB ceart gu leòr.

Bidh òrain gu leòr a' dol nuair a thilleas Alba, mu dheireadh thall, gu farpais mhòr as t-samhradh.

Bidh sinn uile a' boogaidheadh, tha fios. Ach saoil am bi àite ann 'son òran eile bhon Airm Thartain ris nach robh duine an dùil?

Tha cuid againn eòlach air mar-thà.

ROOOONNNNEEEYYYYY.

/naidheachdan/56251825