Main content

Euro 2022 gus tòiseachadh

Ged nach bi Alba a' gabhail pàirt ann am farpais nam ban aig Euro 2022 às dèidh dhaibh call a-mach air àite aig deireadh 2020, bidh dà dhùthaich eile ann am Breatainn ag amas air soirbheachas.

Cuiridh na Sasannaich cùisean gu dol Diciadain nuair a chluicheas iad an aghaidh na h-Ostair aig Old Trafford.

Bidh iad làn misneachd is iad air a dhol gun call anns na 14 geamaichean mu dheireadh aca. Anns na beagan sheachdainean a dh'fhalbh, thug iad droinneadh 5-1 air an Òlaind ann an geama càirdeil - an sgioba a bhuannaich Euro 2017.

Choisinn na 'Ban-Leòmhainn' àite aig an fharpais leis gu bheil Euro 2022 ga cumail ann an Sasainn. Ach leis a sin, thairis air an na trì bliadhna dh'fhalbh, cha do chluich iad geamaichean farpaiseach mar a chluich dùthchannan eile. Mar sin, a dh'aindeoin 's gun do lìon iad an clàr-ama le geamaichean càirdeil, an e laigse a bhios seo?

Tòisichidh Èirinn a Tuath an iomairt acasan aig Euro 2022 (a' chiad turas aca san fharpais) oidhche Dhiardaoin ann an Southampton an aghaidh Nirribhidh, is seo a' tighinn 40 bliadhna às dèidh do sgioba nam fear a' chùis a dhèanamh air An Spàinn ann an Cupa na Cruinne.

Tha iad rud beag air dheireadh air na sgiobaidhean eile san fharpais a thaobh ranganan FIFA is iad a' suidhe aig 47 an-dràsta. Tha seann mhanaidsear Chille Mheàrnaig agus Greenock Morton, Kenny Shiels, os cionn na sgioba agus bha sreath de 16 geamaichean ann eadar deireadh 2020 agus toiseach 2022 nuair a chaill iad dìreach dà gheama. Cha robh sin gu leòr airson àite a chosnadh aig Cupa na Cruinne an ath-bhliadhna, ach bidh iad a' dol an aghaidh cuid de na sgiobaidhean as motha san roinn Eòrpa air a' mhìos seo - rud ris nach robh mòran an dùil.

Thèid dà sgioba a bhios an dòchas an cupa a thogail aig deireadh an Iuchair an aghaidh a chèile oidhche Shathairne. Bidh an Òlaind ag amas air an fharpais a bhuannachadh dà thuras ann an sreath - rud nach do rinn sgioba eile ach a' Ghearmailt nuair a thog iad an duais sia tursan eadar 1995 agus 2013. Nan aghaidh bidh na Suainich, sgioba a tha aig mullach nan ranganan. Thairis air 30 geama, le geamaichean dearbhaidh Chupa na Cruinne agus Euro 2022 nam measg, tha iad air call dìreach aon turas. A bharrachd air a in, bhuannaich iad 25 de na geamaichean sin. Làn tàlant agus misneachd ma-thà.

Thèid 31 geama a chluich thairis air 20 là air feadh Shasainn. Agus bidh iad uile ri fhaicinn thairis air Â鶹ԼÅÄ a h-Aon, Â鶹ԼÅÄ a Dhà, iPlayer a' BhBC, agus làrach-lìn a' BhBC.

/naidheachdan/62054129