Main content

Taghadh Cupa MhicThàmhais 2024

Chaidh an taghadh a dhèanamh airson Cupa MhicThàmhais 2024.

B' iad Ceann a' Ghiùthsaich a fhuair an làmhan air a' chupa an-uiridh agus iad a' dèanamh a' chùis air Camanachd an Eilean Sgitheanaich 1-0 aig Pàirc a' Bhucht ann an Inbhir Nis.

Am-bliadhna, bidh Ceann a' Ghiùthsaich a' cluiche Lòbhat agus bidh sgioba eile na sgìre, Bail' Ùr an t-Slèibh, a' dol an aghaidh Shrath Ghlais sa chiad chuairt den fharpais.

Anns na geamannan eile, bidh Loch Abar an aghaidh na Manachainn, Gleann Urchadain an aghaidh Cill Mhàilidh agus thèid Cabar Fèidh an aghaidh Cheann Loch Seile.

Thèid na geamannan sa chiad chuairt a chluiche air an 30mh den Mhàrt.

Fhuair an Gearasdan, Camanachd an Eilein Sgitheanaich agus Inbhir Nis uile troimhe dìreach chun an dàrna cuairt.

Bidh cuairt dheireannach Cupa MhicThàmhais air a chluiche aig an Eilean air an 8mh den Ògmhios.

/naidheachdan/sgeulachdan/c0jv8q8pkk3o