Main content

Fearghasdan: "Feumaidh sinn buannachadh Dihaoine"

Thuirt manaidsear Chaley Thistle gum feum an sgioba buannachadh an aghaidh Morton oidhche Haoine, ged a dh'aidich e gu bheil coltas ann a-nise gum bi iad anns na geamaichean play-off 'son fuireach san Championship.

Chrìochnaich ICT co-ionnan 1-1 ri Dùn Phàrlain air an deireadh-sheachdain is tadhal bho Aribim Pepple le cairteal na h-uaireach air fhàgail a' sàbhaladh puing dhaibh.

Thàinig sin às dèidh do Deniz Mehmet aig na Pars stad a chur air breab-peanais bho Billy MacAoidh tràth san dàrna leth.

Le Queen's Park a' buannachadh 5-0 an aghaidh Obar Bhrothaig, tha Inbhir Nis a-nise san 9mh àite le dìreach aona gheama lìge air fhàgail.

"Chan e gu leòr a th' ann am puing, bha sinn feumach air na trì," thuirt Donnchadh Fearghasdan.

"Cha robh sinn math gu leòr sa chiad leth ach bha sinn tòrr na b' fheàrr san dàrna leth. Gu mì-fhortanach cha tàinig an dàrna tadhal is tha coltas ann a-nise gu bheil sinn gu bhith anns na play-offs."

Bha Fearghasdan roimhe air an ceòl a chur air feadh na fìdhle nuair a chuir e às leth Obar Bhrothaig nach robh iad a' feuchainn is iad mar-thà air a dhol sìos bhon Championship.

Bha Obar Bhrothaig air iarraidh air na faclan a tharraing ach 's ann a thug e slaic orra às ùr is e ag ràdh nach do chuir e iongnadh sam bith air gun deach am pronnadh le Queen's Park.

Tha Fearghasdan ag ràdh a-nise gum feum an sgioba aige buannachadh an aghaidh Morton oidhche Haoine.

"Chan eil fios agad ann am ball-coise. Feumaidh sinn buannachadh is chì sinn dè thachras sa gheama eile eadar an t-Àrd-Ruigh is Queen's Park, ach gu mì-fhortanach tha e a-nise a-mach às ar làmhan," thuirt e.

Tha fios a-nise gum bi an sgioba a bhios san 9mh àite air a' cheann thall an aghaidh Mon Rois anns na play-offs le Hamaltan is Alloa a' cluich sa gheama eile.

Air taobh thall Drochaid Cheasaig tha Ross County cuideachd ann an suidheachadh cugallach sa Phrìomh Lìog às dèidh dhaibh call 2-0 ri Baile Dhunlèibhe air an deireadh-sheachdain.

Tha seo a' fàgail gu bheil na Staggies fhathast san 11mh àite san lìog, puing air dheireadh air St Johnstone, is ceithir geamaichean air fhàgail.

Tha coltas ann a-nise gur e blàr a bhios ann eadar an dà sgioba sin gus na geamaichean play-off a sheachnadh.

"Feumaidh mi Baile Dhunlèibhe a mholadh, chluich iad fìor mhath," thuirt manaidsear Chounty, Don Cowie.

"Fhuair sinn moladh mòr airson mar a chluich sinn an aghaidh Rangers bho chionn cola-deug agus a-nise feumaidh sinn gabhail ris a' chàineadh a gheibh sinn sgàth seo.

"Thug sinn dhaibh a' chiad thadhal is ged a rinn sinn rud no dhà tron gheama bha iadsan airidh air."

Bidh County a-nise aig an taigh an aghaidh Hibs Disathairne.

/naidheachdan/sgeulachdan/c6py9mpr928o