Main content

Iomairt ùr, dòchas ùr

Tòisichidh sgioba Steve Clarke an iomairt aca gus cuairtean deireannach an ath fharpais mhòr a ruighinn nuair a chuireas iad fàilte air An Ostair gu Pàirce Hampden oidhche Dhiardaoin. Sin beagan nas lugha na trì mìosan mus cluich iad a' chiad gheama san fharpais mu dheireadh a ràinig iad - Euro2020.

Feumaidh iad a bhith air am faiceall. Chaill iad an dà gheama mu dheireadh aca - ach às dèidh a' chùis a dhèanamh air Serbia air breaban peanais gus faighinn gu na Euros, cha bhi sin na iongnadh do mhòran. Gu dearbha, thuirt Steve Clarke gu bheil a' mhòr-chuid de dhaoine air na geamannan sin a dhìochuimhneachadh. Chan eil esan ge-tà. Tha làn fhios aig a' mhanaidsear cho cudromach sa dh'fhaodas deagh thoiseach tòiseachaidh a bhith ann an iomairt sam bith. 'S e cho truagh 's a thòisich an iomairt mu dheireadh aig Alba a tha ga fhàgail san obair a-nise. Co dh'fhaodas dìochuimhneachadh mun chiad gheama sin, a' call 3-0 ann an Astana an aghaidh Casagstan. Scòr a bhios Clarke agus na balaich aige airson a sheachnadh an aghaidh sgioba seach sgioba sa bhuidhinn seo.

Nuair a chaidh an taghadh a dhèanamh airson nam buidhnean, leig an dùthaich gu lèir a-mach osna, air neo leig iad a-mach èibh de thoileachas! Buidheann F, sin a' bhuidheann a bha sùilean na dùthcha a' teannadh air. An Ostair agus An Danmhairg, sgiobaidhean làidir gun teagamh sam bith, ach a' toirt sùil air na buidhnean gu lèir, 's dòcha an cothrom as fheàrr do dh'Alba puingean fhaighinn bho an dà sgioba as motha. Faochadh ma-thà nuair a tharraing Daniele De Rossi ainm na h-Alba às a' phoit. Cha do mhair sin fada ge-tà, le na nàimhdean as ùire aig Sgioba Steve Clarke Iosrael gan leantainn dhan bhuidhinn - osna airson adhbhar eile an turas seo! Lean Moldobha agus na h-Eileannan Fàrach an uair sin gus crìoch a chur air a' bhuidhinn.

Sin na thachair aig deireadh na bliadhna an-uiridh, agus cha mhòr ann am priobadh na sùla, tha sinn an seo mar-thà, agus an sgioba a' cruinneachadh air thoiseach air seachdain thrang, le trì geamannan taobh a-staigh seachd latha. A' chiad dùbhlan, rionnagan na h-Ostair. Bha ceist ann air dè an seòrsa sgioba a bhiodh aca, le riaghailtean cuarantain teann anns a' Ghearmailt agus a' chuid as motha dhe na cluicheadairean aca a' cluiche do chlubaichean sa Bhundesliga. Chan eil uallach ann mun sin tuilleadh, a' fàgail gum bi an leithid David Alaba aig Bayern Munich, agus Marcel Sabitzer aig RB Leipzig ri fhaotainn dhaibh.

Tha roghainnean gu leòr aig Steve Clarke fhèin ge-tà ann an sgioba nas làidire tha cuid a' sùileachadh. Bidh taghaidhean inntinneach aige ri dhèanamh cuideachd. Càite an cluich Scott McTominay an turas seo? Tha e air a bhith làidir am meadhan na pàirce do Manchester United anns na mìosan a chaidh seachad, agus leis an leithid Liam Palmer air ais san squad, am fàg sin gum bi McTominay air a ghluasad chun a' mheadhain? Ma tha, cò thig a-mach na àite? Thuirt Clarke fhèin gur e meadhan na pàirce an t-àite as làidire aig Alba - sin an adhbhar nach deach Daibhidh Turnbull a ghairm.

An taghadh a th'air na cinn naidheachd a ghlacadh gu ruige seo, 's e Che Adams. Fear - a rèir aithrisean - a dhiùlt gealltainn cluiche do dh'Alba bho chionn trì no ceithir bhliadhnaichean - a-nise san squad airson a' chiad turas, air thoiseach air na farpaisean Eòrpach. Tha gu leòr air a bhith a' ceasnachadh an taghadh sin mar-thà. Tha argamaid air a shon ge-tà. 'S e John McGinn an duine leis an àireamh thadhail as motha fo stiùir Steve Clarke. Ochd tadhail ann an 15 geamaichean bho mheadhan na pàirce. An trioblaid leis an sin, 's e nach eil e air aon tadhal fhaighinn anns na h-ochd geamaichean mu dheireadh, agus chan eil duine air a dhol seachad air fhathast. Tha feum air roghainnean aig mullach na pàirce, sin bun na cùise. Ma gheibh e tadhal no dhà anns na geamannan a tha ri thighinn an t-seachdain-sa, cha bhi mòran guth ann air am bu chòir dha bhith ann no às. Do mhòran, ge bi cò tha a' cluiche do dh'Alba, gheibh iad làn thaic nuair a bhios an lèine ghorm sin orra.

Aon rud a tha follaiseach a-nise, 's e gu bheil atharrachadh air tighinn air beachd cuid nuair a thig e chun na sgioba nàiseanta. Tha cuid ann fhathast aig nach eil mòran de dh'ùidh ann an iomairtean den leithid seo, ach gun teagamh sam bith, tha soirbheas na h-Alba faighinn gu Euro2020 air aire barrachd dhaoine a phiobrachadh. Dh'fhaodadh gun cùm sin a' fàs cuideachd, ach feumaidh iad puingean fhaighinn air a' bhòrd tràth ma tha cothrom sam bith gu bhith ann air an sin.

/naidheachdan/56514937