Main content

Manaidsear ùr aig Cabar Fèidh

Dh'innis Cabar Fèidh gur e Garry Reid am manaidsear ùr a bhios aca.

Thèid Reid an àite Jodi Gorski a bha air innse roimhe gun robh e a' leigeil dheth a dhreuchd.

Bha Gorski air obair mhòr a dhèanamh ann an Srath Pheofhair is e air Cabers a stiùireadh dhan Phrìomh Lìog is air an stèidheachadh am measg nan sgiobaidhean as fheàrr san dùthaich.

Tha Garry Reid air cliù a chosnadh roimhe mar mhanaidsear sgioba nàiseanta iomain na h-Alba.

Atharrachaidhean

Bidh luchd-amhairc Â鶹ԼÅÄ ALBA eòlach air cuideachd is e tric air a bhith ag aithris air an iomain air an telebhisean.

Dhearbh Cabar Fèidh cuideachd gu bheil Brian Dòmhnallach gus leantainn mar leas-mhanaidsear is gum bi Caoimhin Bartlett cuideachd na leas-mhanaidsear.

Bidh Gavin Caimbeul ann 'son na cluicheadairean a chumail fut is tha Jodi Gorski air leigeil fhaicinn gun cum e taic ris an sgioba choidsidh, cho math ri a bhith ag obair leis an sgioba aig ìre fo 17.

Bidh manaidsearan ùra gu leòr sa Phrìomh Lìog an ath-sheusan is Iain Gibson air innse mar-thà gu bheil e a' seasamh sìos aig Ceann a' Ghiùthsaich, is Johnston Gill air a dhreuchd aig Ceann Loch Seile fhàgail.

/naidheachdan/63640412