Main content

Riaghailt offside - fuasgladh a dhìth?

Bithear tric a' faighneachd de neach mar a tha riaghailt offside ag obair mar dhòigh-tomhais dè cho eòlach 's a tha neach air spòrs.

Ged a chluinnear a leithid de cheist an-diugh neo bho chionn còrr agus ceud bliadhna, cha bhiodh an fhreagairt cho sìmplidh idir.

Ged a tha riaghailt offside am measg nam prionnsabalan as stèidhichte ann an ball-coise, tha iomadh puing a bharrachd air a bhith air a chur ris thar nam bliadhnaichean.

'S ann ann an 1863 a-nochd an riaghailt ann an teagsa oifigeil aig comann riaghlaidh a' bhuill-coise ann an Sasainn - an FA - airson a' chiad uair.

A rèir dreach na riaghailt aig an àm, cha bhiodh cead aig cluicheadair ball a bhreabadh nam biodh am ball air a chur air a bheulaibh - gus an toireadh cluicheadair bhon sgioba eile suath dhan bhall.

Cha do mhair an riaghailt anns an dreach seo ach trì bliadhna.

Ann an 1866 bha an riaghailt air ath-chruthachadh ann an dòigh a b' urrainn do neach a tha a' leantainn an spòrs an-diugh a leantainn beagan nas fheàrr.

Bhiodh cead aig cluicheadair tighinn air adhart leis a' bhall, fhad 's a bhiodh triùir chluicheadairean dìon eadar cluicheadair aghaidh agus an tadhal.

Adhartas airson chluicheadairean aghaidh agus na bhiodh ann de chothroman anns a' gheama, ach b' e seo an turas mu dheireadh a bhiodh peansail agus rubair air a thoirt dhan duilleig seo de riaghailtean a' bhuill-coise.

Eu-coltach ri mar a bhios comainn agus buidhnean eadar-nàiseanta a' cumail ri riaghailtean FIFA an-diugh, cha robh prionnsabalan a' bhuill-coise buileach co-ionnan ann an diofar dhùthchannan anns an 19mh linn.

Cha robh an FA ann an Sasainn, agus an SFA ann an Alba, a' cumail ris na h-aon riaghailtean airson gach suidheachaidh air an lèanaig.

Thigeadh seo am bàrr grunn thursan tràth anns an 20mh linn, le oidhirpean tighinn gu aonta tric a' tighinn gu crìch às aonais cunnraidh.

A thaobh riaghailt offside, mu dheireadh 's ann bho Alba a thàinig dà atharrachadh dhan riaghailt a thug buaidh air an spòrs ann an 20mh linn, agus a tha a' toirt buaidh air mar a tha an spòrs air a chluiche aig iomadh ìre an-diugh.

Bha an àireamh de chluicheadairean dìon a dh'fheumadh a bhith eadar cluicheadair-aghaidh agus tadhal air a ghearradh bho thriùir gu dithis airson barrachd chothroman a thoirt do sgiobaidhean airson tadhail.

Nochdadh na h-Albannaich a-rithist ann an 1990 le argamaid gum b' urrainn do chluicheadair-aghaidh a bhith an aon astar air falbh bhon tadhal 's a bha an dàrna cluicheadair-dìon mu dheireadh.

Còrr agus ceud bliadhna de dheasbad, ach mu dheireadh riaghailt offside coltach ris na chìthear an-diugh.

Cha tàinig còmhstrì mun riaghailt gu crìch ann an 1990 idir.

Coltach ri spòrsan eile, tha teicneòlas air buaidh a thoirt air an spòrs, le dòchas ann gun urrainn do dhroch mhearachdan a thaobh offside a bhith air am breabadh a-mach às an spòrs.

Ann am Prìomh Lìog Shasainn a-mhàin, bha còrr agus 50 tadhal air an toirt air falbh às dèidh do VAR - neo Video Assistant Referee - sealltainn gun robh cluicheadair ann an suidheachadh anns an robh e offside.

Fuasgladh

Chan e seo rud a tha a' còrdadh ris a h-uile neach-taice neo cluicheadair.

A rèir Alex Andrews a bhios a' cluiche do Chaley Thistle Inbhir Nis, "Bu choir mearachdan a bhith ann.

"Tha mearachdan air a bhith ann bhon a thòisich ball-coise.

"Cò as urrainn a ràdh dè a tha soilleir agus follaiseach?

"Tha mearachdan fhàthast gu bhith ann leis an teicneòlas."

Do chuid eile 's e oidhirp teicneòlas a chleachdadh smuain a tha ag amas air ceartas anns an spòrs, ach a tha air a bhith air a chleachdadh gu ceàrr.

Tha Stiùbhart Urchardan na eòlaiche anns an spòrs: "Tha mi a' smaointinn gu bheil gu leòr eisimpleirean air a bhith ann anns nach eil VAR air a bhith ag obair.

"Tha feum againn fhathast a bhith ag ionnsachadh bho VAR agus an dòigh anns a bheil e air a chleachdadh.

"Aig an ìre as àirde tha barrachd misneachd aig na cluicheadairean anns an loidhne dìon a bhith a' putadh air adhart agus a bhith a' cleachdadh riaghailt offside.

"Ann an Alba chan eil an aon seòrsa misneachd aig cluicheadairean sin a dhèanamh leis gu bheil rèitirean a' dèanamh mhearachdan, ach chan eil airgead ann airson VAR a chleachdadh."

A dh'aindeoin iomadh oidhirp riaghailt offside atharrachadh bho 1863, chan eil feadhainn a tha an sàs anns an spòrs fhathast ag aontachadh mun riaghailt agus mar a bu chòir dhi a bhith air a cleachdadh.

Ach, às dèidh còrr agus 150 bliadhna, 's dòcha gu bheil an t-àm ann aideachadh nach e connspaid ann am ball-coise rud a tha feumach air fuasgladh, ach pàirt de charactair agus de nàdar an spòrs agus an feadhainn a bhios ga leantainn.

/naidheachdan/54295102