Main content

Glasgow City còig puingean air thoiseach aig mullach SWPL 1

Thug Glasgow City droinneadh 6-0 air Hamaltan airson dèanamh cinnteach gu bheil iad fhathast còig puingean air thòiseach air Celtic aig mullach SWPL 1.

Chuir Celtic agus Rangers gu leòr tadhail sna geamaichean acasan is an dà sgioba a' faighinn trì puingean an urra cuideachd.

Thuit Hibernian nas fhaide air dheireadh air Hearts sa lìog is iad a' call 2-1 an aghaidh Spartans.

Rinn Hearts cinnteach gun do ghabh iad an cothrom an ceathramh àite aca a neartacadh is iad a' buannachadh 1-0 air an rathad an aghaidh Obar Dheathain.

Dh'fhuirich trì puingean air an costa-sear às dèidh do Dhùn Dè Aonaichte a' chùis a dhèanamh air Glasgow Women 2-1.

Àite sa chiad leth dhen liog do City

Chaidh Glasgow City a-steach dhan gheama aca an aghaidh Hamaltan gun call fhathast san lìog air an t-seusan seo às dèidh dhaibh 14 geamaichean a chluich.

Leis a sin, bha cothrom aca a bhith cinnteach gun crìochnachaidh iad sa chiad leth den a liog le trì puingean fhaighinn aig Pàirce Petershill.

Thìll Priscila Chinchilla dhan sgioba is i air a bhith air an goirteachadh bhon gheama an aghaidh Rangers san t-Samhain an-uiridh.

Sheall i dè cho cudromach sa tha i dhan loidhne-aghaidh aig City - fhuair i fhèin agus Jenna Clark dà thadhal an urra sa chiad leth - a dhà aig Chinchilla a' dol a-steach taobh a-staigh ceithir mionaidean.

Chuir Emily Whelan agus Kinga Kozak ris an sgòr san dàrna leth agus chrìochnaich City an geama le sia tadhail gun freagairt.

Tha City air meadhan a' phàirce aca a neartachadh cuideachd is Linda Motlhalo a' soinnigeadh leotha bho Djurgardens san t-Suain.

Dh'fhaodadh i cluiche san ath-gheama aca an aghaidh Rangers Didòmhnaich.

Bha aig Rangers ri tilleadh gu soirbheachas airson cuideam a chumail air City às deidh dhaibh dìreach puing fhaighinn sa gheama mu dheireadh aca an aghaidh Hearts.

Rinn am manaidsear aca, Malky Thomson ceithir atharraichean airson an geama an aghaidh Thobar na Màthair agus thòisich an sgioba aige gu làidir.

Fhuair Tessel Middag tadhal sa chaid dà mhionaid.

Chùm iad orra agus bha iad 2-0 air thoiseach le fichead mionaid air a' chleoc.

Bha Middag am measg na còig tadhail a fhuair Rangers san dàrna leth is iad a-nis seachd pungean air dheireadh air City aig a' mhullach, le geama a bharrachd ri chluich fhathast.

32 tadhail

Cha d'fhuair Celtic ach puing sa gheama mu dheireadh acasan an aghaidh Thobar na Màthair nuair a chrìohchnaich cùisean gun tadhail.

Mar sin, airson cuideam a' chumail air Rangers agus Glasgow City, bha trì puingean a dhìth orrasan cuideachd an aghaidh Phartick Thistle.

Ro leth-ùine, bha Celtic 4-0 air thoiseachd is Gallacher a' faighinn dà thadhal dhan sgioba aice.

Fhuair iad ceithir tadhail eile san dàrna leth cuideachd agus chriochnaich cùisean 8-0 aig deireadh chùisean.

Tha siud a' ciallachadh gu bheil Celtic a-nis air 32 tadhail fhaighinn thairis air na còig geamaichean mu dheireadh aca. Agus chan eil iad air gin a chall.

Obar Dheathain 0-1 Hearts

Celtic 8-0 Partick Thistle

Dùn Dè Aonaichte 2-1 Glasgow Women

Glasgow City 6-0 Hamaltan

Hibernian 1-2 Spartans

Tobar na Màthar 0-7 Rangers

/naidheachdan/64373308