Main content

'Barrachd a dhìth' gus faighinn dhan SWPL

Bu chòir barrachd taic a bhith ann do chluicheadairean ball-coise às na h-eileannan gus soirbheachadh san spòrs.

Sin beachd a nochd bho dhithis a tha mar-thà air an ìre as àirde a ruighinn ann am ball-coise nam ban ann an Alba.

Chan e slighe fhurasta a th' air a bhith aig an dà chuid Shana NicPhàil agus Rachael Johnstone gu ruige seo agus tha iad airson 's gum bi e nas fhasa dhan ghinealach a thig às an dèidh.

Tha tuilleadh aig Alasdair MacIllinnein.

/naidheachdan/fbh/68538092