Là cudromach air fà ire air feadh farpaisean na h-Iomain
Thèid a' chiad iar-chuairt dheireannach de Chupa na Camanachd a chumail Disathairne eadar Ceann a' Ghiùthsaich is Ceann Loch Seile.
'S iad an dà sgioba a bhuannaich an fharpais mu dheireadh le Ceann Loch Seile a' togail a' chupa ann an 2021 agus Ceann a' Ghiùthsaich a' soirbheachadh an-uiridh.
Bidh Ceann a' Ghiùthsaich às aonais Tòmas Borthwick a th' air a ghoirteachadh agus tha ceist ann am bi Lee Bain fut airson a' gheama.
Tha seo a thuilleadh air Roddy Young a tha a-mach airson an t-seusain.
Do Cheann Loch Seile, chaidh Arron Jack a ghoirteachadh air turas sgioba na h-Alba fo aois 17 a dh'Èirinn.
A thuilleadh air sin tha dùil gum bi iad an ìre mhath aig làn-neart.
Chluich an dà sgioba an aghaidh a chèile ann an iar-chuairt dheireannach Chupa MhicAmhlaigh o chionn cola-deug nuair a thàinig Ceann a' Ghiùthsaich am bàrr 2-1.
Tha sin gam fàgail fhathast le cothrom air na ceithir cupannan a bhuannachadh a rithist am-bliadhna mar a rinn iad an-uiridh, is iad air Cupa MhicThàmhais a thogail mar-thà.
Tòisichidh an geama aig 4:05f Disathairne aig Pàirce a' Bhucht an Inbhir Nis is bidh e ri fhaicinn beò air Â鶹ԼÅÄ ALBA.
Cupa an t-Sutharlanaich
Thèid an dà iar-chuairt dheireannach ann am prìomh chupa nan dàrna sgiobaidhean, Cupa an t-Sutharlanaich, a chluich Disathairne cuideachd.
Cluichidh an t-Eilean Sgitheanach an aghaidh Ghleann Urchadain ann an Inbhir Gharadh agus ann an Drochaid an Aonachain thèid Ceann Loch Seile an aghaidh Bhaile Ùr an t-Slèibh a bhuannaich an fharpais an-uiridh.
Anns a' Phrìomh Lìog tha an t-Eilean Sgitheanach a' tilleadh gu bhith a' cluich às dèidh a bhith nan tàmh airson ceala-deug is iad ag amas air gluasad air falbh bhon bhonn.
Tha iad san ochdamh àite an-dràsta, dìreach aon phuing os cionn na Manachainne.
Thèid na Sgitheanaich an aghaidh Chabar Fèidh a tha dìreach dà phuing os an cionn agus iad fhèin cuideachd air a bhith às aonais gheama 'son trì seachdainean.
Tha geama fìor chudromach aig a' Mhanachainn cuideachd is iad a' cur fàilte air Camanachd an Òbain a tha dìreach puing os an cionn cuideachd.
Anns a' gheama eile sa Phrìomh Lìog thèid Lòbhat an aghaidh Ghlaschu Meadhan Earra-Ghàidheal a tha ochd puingean air dheireadh air càch aig a' bhonn.
Ann an Lìog Tuath 2 bidh na Leòdhsaich ag amas air an ochdamh geama aca a bhuannachadh ann an sreath san lìog sin, nuair a thèid iad an aghaidh Chill Mhàilidh ann an Caol a' Ghearsdain.
Ma bhuannaicheas Leòdhas, dh'fhàgadh sin iad aig mullach na lìge air sgaradh thadhail le Loch Carrann às aonais gheama an t-seachdain seo. Bhiodh dà gheam a bharrachd fhathast aig Loch Carrann ri chluich ge-tà.