Main content

Bliadhna gu Geamaichean Eadar-nàiseanta nan Eilean

Tillidh Geamaichean Eadar-nàiseanta nan Eilean ann an Guernsey an ath-bhliadhna, ceithir bliadhna bhon fharpais mu dheireadh ann an Gibraltar ann an 2019.

Mar as trice tha na geamaichean ann a h-uile dàrna bliadhna, ach chuir suidheachadh Covid-19 stad air planaichean 2019.

Ach ann an 2023, thig lùth-chleasaichean bho feadh an t-saoghail còmhla airson pàirt a ghabhail ann an timcheall air 14 spòrs thairis air barrachd air 200 farpais.

Ràinig cuid de lùth-chleasaichean a thòisich aig na geamaichean seo àrd-ìre sa spòrs aca, nam measg Mark Cavendish, à Eilean Mhanainn, a bhuannaich bonn airgid aig Rio 2016, agus Kelly Sotherton à Eilean Wight, a bhuannaich bonn umha ann an Athens agus dà bhon umha ann am Beijing.

Mar sin, bidh cuid de dh'òigridh WIIGA an dòchas gur e toiseach-tòiseachaidh a tha seo dhaibhsan cuideachd.

"Chan eil farpais eile mar seo ann an Alba"

Thuirt aon de dh' àrd-choidsichean Sgioba nan Eilean Siar, Eve NicÌomhair: "Tha tòrr dhaoine ùra againn a-nis agus tha iad a' ruith cho luath agus tha sin glè mhath. Gu mì-fhortanach, tha sinn air daoine a chall ach tha fhathast co-fharpaisean ann as t-samhradh agus tha mi an dòchas gum bi sin na chothrom airson àite fhaighinn anns an sgioba".

"Chan eil farpais eile ann an Alba coltach ri seo. Tha thu air falbh airson seachdain, a' rèiseadh a h-uile là agus tha cothrom agad a dhol gu na farpaisean fosgailte, dùinte agus eadar-nàiseanta. Feumaidh tu a dhol ann airson faicinn dè cho math 's a tha e", thuirt i.

A bharrachd air puingean agus buinn, bithear ag ràdh gur e cothrom a th' ann do dh'òigridh caraidean agus cuimhneachain shònraichte a dhèanamh. Spiorad nan Geamaichean a th' aca air.

Faisg air 40 bliadhna air ais, ann an 1985, chaidh na geamaichean a stèidheachadh ann an Eilean Mhanainn le amas lùth-chleasaichean a chruinneachadh bho eileanan beaga air feadh an t-saoghail gus farpais an aghaidh a chèile.

Abair beachd math a bh' ann is chaidh 700 fireannach agus boireannach bho 15 diofar eileanan ann.

12 bliadhna às dèidh sin, bha mu 2000 lùth-chleasaiche aig an fharpais.

Bidh Sgioba WIIGA ag amas air adhartas a dhèanamh an ath-bhliadhna an coimeas ri na rinn iad ann an Gibraltar ann an 2019.

Thill iad le ceithir buinn òir. 'S i Kara Hanlon a bhuannaich iad sin - a thuilleadh air bonn airgid agus bidh i dòchas tuilleadh fhaighinn ma bhios i ann an ath-bhliadhna.

Bhuannaich an sgioba bonn airgid eile agus dà bhonn umha, a' ciallachadh gun do chrìochnaich iad san 12mh àite.

Aig an àm sin bha 21 a-mach às na 43 lùth-chleasaichean fo 23 bliadhna a dh'aois - rud a bhios a' toirt misneachd do WIIGA air thoiseach air geamaichean Ghuernsey.

/naidheachdan/62093650