鶹Լ

Deamocrasaidh san RADè am pàirt a tha aig na meadhanan ann am poilitigs na RA?

Tha riaghaltas na RA na dà phàirt, Taigh nan Cumantan is Taigh nam Morairean. Tha Buill nan Cumantan air an taghadh le Dòigh bhòtaidh Àireamh Bhòtaichean as motha. Tha Buill nam Morairean neo-thaghte.

Part of ܲ-òAn Rìoghachd Aonaichte

Dè am pàirt a tha aig na meadhanan ann am poilitigs na RA?

Tha eachdraidh fhada, neo-eisimeileach aig na meadhanan san RA le iomadh pàipear-naidheachd, agus sianailean rèidio is telebhisean. 'S e obair nam meadhanan fiosrachadh a thoirt dhan phoball air cùisean cudromach a dh'fhaodadh buaidh a thoirt orra co-dhiù 's e cùisean ionadail, nàiseanta no eadar-nàiseanta a th' annta.

Dealbh de na meadhanan a bhios a' toirt fiosrachadh do shluagh na h-Alba agus na RA

Meadhanan clò-bhuailte anns an RA

Tha tòrr dhaoine anns an RA a' faighinn fiosrachadh air poilitigs à pàipearan-naidheachd ach o chionn ghoirid, tha daoine nas dualtaiche an t-eadar-lìon a chleachdadh airson fiosrachadh a lorg. Ach, tha na mìltean de phàipearan-naidheachd air an reic gach latha agus tha mòran dhaoine gan leughadh air-loidhne. San RA 's e an Sun agus an Daily Mail na pàipearan 'mòr-chòrdte' as motha a tha daoine a' leughadh. 'S e an Times agus an Telegraph na 'sàr' phàipearan as motha a bhios daoine a' leughadh.

Fhad 's a tha iad a' cumail ri lagh na dùthcha, faodaidh pàipearan-naidheachd cha mhòr rud sam bith a thogras iad a phriontadh. Tha sin a' ciallachadh gum faod na diofar phàipearan naidheachdan innse ann an diofar dhòighean. A rèir 's dè na stòiridhean, na dealbhan agus na cinn-naidheachd a roghnaicheas iad a chleachdadh, faodaidh gum bi an aithris anns na pàipearan gu math aon-taobhach.

Nuair a bhios taghadh ann, bidh na pàipearan gu math cinnteach cò am partaidh poilitigeach a tha iad dhen bheachd dham bu chòir na leughadairean bhòtadh. Ach chan eil sin a' ciallachadh gu bheil a h-uile neach-bhòtaidh a' tighinn gu co-dhùnadh a rèir 's dè leughas iad ann am pàipear-naidheachd.

Meadhanan air an craoladh anns an RA

Tha aithrisean nan naidheachdan poilitigeach eadar-dhealaichte air an telebhisean (agus air an rèidio) seach mar a tha iad ann am pàipearan-naidheachd oir tha an lagh ag iarraidh gum bi naidheachdan air an telebhisean ceart agus cothromach. Tha dùil gum bi aithrisean air an telebhisean fìor agus cothromach san sgrùdadh aca. Tha dùil gum bi cead aig diofar riochdairean bho dhiofar phartaidhean poilitigeach am beachdan a thoirt air cùisean cudromach.

An t-eadar-lìon agus meadhanan sòisealta

Tha barrachd is barrachd a' cleachdadh an eadar-lìn airson fiosrachadh, gu h-àraidh meadhanan sòisealta.

Seach gun leig an t-eadar-lìon le cha mhòr duine sam bith rud sam bith a thogras iad a phostadh, chan eil pàirt dhen fhiosrachadh air an eadar-lìon ceart.

A dh'aindeoin sin, tha an t-eadar-lìon a' toirt cothrom do dhaoine air fiosrachadh. Tha sin a' ciallachadh gu bheil daoine nas fiosraichte na bha iad riamh.

Tha sin a' toirt cothrom do phartaidhean poilitigeach ceangal a dhèanamh ris an luchd-bhòtaidh agus am beachdan a chur an cèill.

More guides on this topic

Related links