鶹Լ

Deamocrasaidh san RADè na cumhachdan a tha aig Pàrlamaid na h-Alba agus Pàrlamaid na RA?

Tha riaghaltas na RA na dà phàirt, Taigh nan Cumantan is Taigh nam Morairean. Tha Buill nan Cumantan air an taghadh le Dòigh bhòtaidh Àireamh Bhòtaichean as motha. Tha Buill nam Morairean neo-thaghte.

Part of ܲ-òAn Rìoghachd Aonaichte

Dè na cumhachdan a tha aig Pàrlamaid na h-Alba agus Pàrlamaid na RA?

Chaidh Pàrlamaid na h-Alba a chruthachadh le lagh ris an canar Achd na h-Alba (1998). Stèidhich an lagh seo cuideachd na cumhachdan a tha aig Pàrlamaid na h-Alba. Chaidh cumhachdan a bharrachd a chur rithe ann an Achd na h-Alba (2016).

Tha Pàrlamaid na h-Alba a' faighinn buidseat bliadhnail agus tha cumhachd aig Pàrlamaid na h-Alba laghan a dhèanamh air cùisean tiomnaichte. Ach bidh Pàrlamaid na RA fhathast a' dèanamh cho-dhùnaidhean do dh'Alba ann an cuid de raointean. Canar cumhachdan glèidhte riutha sin.

Mar a tha Pàrlamaid na h-Alba ag obrachadh taobh a-staigh an RA

Dè na cumhachdan a tha tiomnaichte gu Pàrlamaid na h-Alba?

  • Slàinte - Seirbheis na Slàinte ann an Alba (ospadalan, seirbheisean dotair agus msaa)
  • Foghlam - sgoiltean-àraich, sgoiltean, colaistean agus oilthighean
  • Riaghaltas ionadail – dleastanas airson 32 de chomhairlean ionadail seirbheisean a lìbhrigeadh leithid glanadh, rathaidean agus cùram sòisealta
  • Lagh agus Cùisean na Dùthcha - lagh eucorach, lagh catharra, am poileas, seirbheisean cùirte is prìosain, an t-seirbheis smàlaidh
  • An Àrainneachd – dìon na h-àrainneachd, bacadh thuiltean agus msaa
  • Spòrs agus na h-Ealain – a' brosnachadh spòrs, taighean-tasgaidh, togalaichean eachdraidheil agus msaa
  • Tèarainteachd Shòisealta – cuid de chumhachdan air sochairean a bharrachadh
  • Cìsean – smachd air pàirt de chìs cosnaidh agus Cìs Luach Leasaichte (VAT) na h-Alba

Dè na cumhachdan a tha glèidhte aig Pàrlamaid na RA?

  • Cùisean Bun-reachdail – co-dhùnaidhean air fèin-riaghladh do dh'Alba, a' Chuimrigh is Èirinn a Tuath
  • Dìon – An t-Arm, An Cabhlach Rìoghail agus Feachd Rìoghail an Adhair
  • Poileasaidh Cèin – dàimh ri dùthchannan eile, me An t-Aonadh Eòrpach no Na Stàitean Aonaichte
  • Prìomh Phoileasaidh Eaconamach – cuid de chìsean, leithid cìsean gnìomhachais
  • Tèarainteachd Shòisealta – ìre agus làn-chòir shochairean
  • Eile – in-imrich, casg-breith agus smachd air drogaichean

More guides on this topic

Related links