鶹Լ

Dè th' anns an t-siostam bhòtaidh Àireamh Bhòtaichean as motha?

Coimhead a' bhidio seo a tha a' mìneachadh an t-siostam bhòtaidh Àireamh Bhòtaichean as Motha.

What is First Past the Post?

Canaidh sinn an Siostam Àireamh Bhòtaichean as motha (First Past the Post no FPTP) ris an t-siostam a th' againn airson BP a thaghadh airson Taigh nan Cumantan.

An siostam bhòtaidh a thathar a' cleachdadh ann am Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte

Airson an taghaidh, tha an RA air a roinn ann an 650 sgìre no roinnean-pàrlamaid (seataichean), agus aig àm an taghaidh, 's e an tagraiche a gheibh an àireamh as motha de bhòtaichean am BP a bhios ann.

Ged a tha luchd-bhòtaidh a' bhòtadh airson BP ionadail, tha iad cuideachd a' gabhail pàirt ann a bhith a' taghadh riaghaltas.

Fon t-siostam FPTP, 's e am partaidh leis an àireamh as motha de BP an riaghaltas a bhios ann.

Ann an 2019, bha barrachd BP aig na Tòraidhean na bh' aig a h-uile partaidh eile còmhla agus mar sin b' iadsan an riaghaltas

More guides on this topic

Related links