鶹Լ

Obair Ball Pàrlamaid

Dè bhios BP a' dèanamh?

Fo dhòigh bhòtaidh Àireamh Bhòtaichean as motha, bidh bhòtairean gach roinn-phàrlamaid a' taghadh aon BP. Anns gach roinn-phàrlamaid no sgìre 's e an tagraiche leis an àireamh as motha de bhòtaichean a bhios air a thaghadh mar BhP.

'S urrainn do BhP muinntir na roinn-phàrlamaid aca a riochdachadh mu chùisean nàiseanta, leithid an t-seirbheis slàinte, an àrainneachd agus tuathanachas. 'S urrainn dhaibh daoine a riochdachadh ann an iomadh dòigh, mar eisimpleir:

  • sgrìobhadh gu no coinneachadh ri Rùnaire a' Chabineit no Ministear
  • pàirt a ghabhail ann an deasbadan sa phàrlamaid
  • ceistean fhaighneachd aig Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir
  • bile bhall a thogail air cuspair sam bith a tha na dhragh do mhuinntir na roinn-phàrlamaid aca
Dleastanasan a th' air Ball Pàrlamaid

Taobh a-muigh na pàrlamaid, faodaidh BP:

  • a bhith a' coiteachadh dhaoine agus bhuidhnean (leithid comhairlean ionadail, bùird slàinte) às leth an luchd-taghaidh
  • aire a tharraing gu cùisean le bhith a' cleachdadh nam meadhanan

More guides on this topic

Related links