鶹Լ

Deamocrasaidh san RABuidhnean strì anns an Rìoghachd Aonaichte

Tha riaghaltas na RA na dà phàirt, Taigh nan Cumantan is Taigh nam Morairean. Tha Buill nan Cumantan air an taghadh le Dòigh bhòtaidh Àireamh Bhòtaichean as motha. Tha Buill nam Morairean neo-thaghte.

Part of ܲ-òAn Rìoghachd Aonaichte

Buidhnean strì anns an Rìoghachd Aonaichte

Ann an taghaidhean, bidh daoine a' taghadh cò na riochdairean a tha iad ag iarraidh airson a bhith a' dèanamh cho-dhùnaidhean às an leth. 'S dòcha gum bi ceithir no còig a bhliadhnaichean eadar taghaidhean. Mar sin feumaidh dòighean eile a bhith aig daoine gus buaidh a thoirt air na riochdairean aca.

'S e buidhnean strì aon dòigh air sin a dhèanamh. 'S e buidhnean de dhaoine leis na h-aon bheachdan a th' ann am buidhnean strì. Chan eil buidhnean strì ag iarraidh cumhachd dhaibh fhèin. 'S ann a tha iad ag iarraidh buaidh a thoirt air an fheadhainn aig a bheil a' chumhachd. Bidh iad cuideachd a' brosnachadh dhaoine gu bhith a' gabhail pàirt chiallach sa phròiseas dheamocratach.

Tha mòran bhuidhnean strì anns an RA a tha ag amas air buaidh a thoirt air dèanamh cho-dhùnaidhean poilitigeach. Bidh meur Albannach air leth aig mòran de bhuidhnean strì air feadh na RA, agus bidh iad ag amas air buaidh a thoirt air Pàrlamaid na h-Alba a thaobh cuid dhe na cumhachdan tiomnaichte aca.

Ciamar a tha buidhnean strì ag obrachadh?

Bidh buidhnean strì a' cleachdadh grunn dhòighean laghail gus am beachdan a chur an cèill:

  1. a' cur bhileagan tro dhorsan no a' dol bho dhoras gu doras a' sireadh taic
  2. a' gabhail pàirt ann am fianais-dhùbhlain, caismeachdan no ralaidhean
  3. a' cur athchuingean air dòigh
  4. a' coiteachadh (a' bruidhinn gu dìreach ri) BPA no ri comhairlichean
  5. a' sgrìobhadh litrichean gu luchd-poilitigs no gu pàipearan-naidheachd
  6. a' dèanamh agallamhan a nochdas sna meadhanan (rèidio, tbh is pàipearan-naidheachd) no a' gabhail pàirt ann an iomairtean follaiseachd airson aire nam meadhanan fhaighinn.
Ìomhaigh a’ riochdachadh diofar dhòighean air am bi buidhnean strì ag iomairt airson atharrachaidhean a thoirt gu buil.

Air sàillibh laghan ùra leithid Saorsa Fiosrachaidh, an t-eadar-lìon, lìonraidhean sòisealta agus meadhanan a tha a' cumail fiosrachadh rinn gach uair de gach latha, tha buidhnean strì mothachail air a' chumhachd a th' aca. Tha iad a' sìor fhàs proifeiseanta san dòigh anns a bheil iad ag obair.

Tha iomadh buidheann strì ann an Alba a tha a' feuchainn ri buaidh a thoirt air co-dhùnaidhean poilitigeach.

Mar eisimpleir, leis gu bheil smachd aig Alba air foghlam agus slàinte, bidh fòcas làidir aig buidhnean strì a tha an sàs anns na cùisean seo air Pàrlamaid na h-Alba oir tha poileasaidhean na h-Alba orra sin a-nis gu math eadar-dhealaichte bhon chòrr den RA. Tha buidhnean strì a tha a' còmhdach dìon no in-imrich nas buailtiche fòcas a chur air Pàrlamaid na RA far bheilear a’ dèiligeadh ri cùisean glèidhte mar sin.

Buidhnean strì air an taobh a-staigh anns an RA

Tha buidhnean strì an 'taobh a-staigh' ag obair le taic bhon riaghaltas. Bidh an riaghaltas tric a' dol thuca airson comhairle mu phoileasaidhean. Bidh iad a' conaltradh ris an riaghaltas gu cunbhalach.

Mar eisimpleir, 's e buidheann strì a th' ann an Comann Meadaigeach Bhreatainn. 'S ann ainneamh a chuireas iad fianais no caismeachd dhùbhlain air dòigh. An àite sin, 's àbhaist dhaibh an earbsa a chur ann an coinneamhan còmhla ris an Riaghaltas. Tha iad buailteach a bhith ag obair air cùl ghnothaichean agus air falbh bho na camarathan airson buaidh a thoirt air co-dhùnaidhean.

Buidhnean strì air an taobh a-muigh anns an RA

Cluicheadair ball-coise agus fear-iomairt Marcus Rashford

Cha bhi an riaghaltas a' cur taic ri amasan buidhnean a-muigh. Bidh na buidhnean seo tric a' cleachdadh nam meadhanan airson aire an t-sluaigh a tharraing. Am measg nam buidhnean strì air an taobh a-muigh tha Greenpeace, CND (Campaign for Nuclear Disarmament) agus Surfers Against Sewage.

Mar eisimpleir, ann an 2020 bha Marcus Rashford ag obair còmhla ri Fare Share air an iomairt #MakeTheUTurn gus ìmpidh a chur air an riaghaltas eàrlasan airson biadh-sgoile an-asgaidh a thoirt do theaghlaichean tro shaor-làithean an t-samhraidh far an robh sgoilearan ann an èis.

More guides on this topic

Related links