鶹Լ

Deamocrasaidh san RAGeàrr-iomradh air dèanamh cho-dhùnaidhean san RA

Tha riaghaltas na RA na dà phàirt, Taigh nan Cumantan is Taigh nam Morairean. Tha Buill nan Cumantan air an taghadh le Dòigh bhòtaidh Àireamh Bhòtaichean as motha. Tha Buill nam Morairean neo-thaghte.

Part of ܲ-òAn Rìoghachd Aonaichte

Geàrr-iomradh air dèanamh cho-dhùnaidhean san RA

'S e deamocrasaidh a tha san Rìoghachd Aonaichte (RA). 'S e dùthaich a th' ann an deamocrasaidh anns am bi daoine a' taghadh an riaghaltais aca.

Tha cus dhaoine san RA airson am beachd fhaighneachd dhaibh, agus cus cho-dhùnaidhean ri dhèanamh, agus mar sin, tha riochdairean air an taghadh airson co-dhùnaidhean a dhèanamh. Tha riochdairean a' gabhail a-steach:

  • Buill Phàrlamaid (BP)
  • Buill Pàrlamaid na h-Alba (BPA)
  • Comhairlichean ionadail

Carson a tha Alba air a riochdachadh ann an dà phàrlamaid?

Coimhead a' bhidio seo agus faigh a-mach mu fhèin-riaghladh agus carson a tha Alba air a riochdachadh ann an dà phàrlamaid.

Why are there two parliaments in Scotland?

Tha Alba air a bhith na pàirt dhen Rìoghachd Aonaichte bho 1707, ach ghlèidh i riamh a fèin-aithne. Mar eisimpleir tha an aon chànan agus an aon airgead ann an Alba 's a tha sa chòrr dhen RA, ach tha a siostaman lagha is foghlaim fhèin aice.

Cuin a chaidh Pàrlamaid na h-Alba a stèidheachadh?

Seach gu bheil Alba mar phàirt dhen Rìoghachd Aonaichte, bidh cuid de cho-dhùnaidhean a thaobh dè thachras ann an Alba air an dèanamh ann am Pàrlamaid na RA ann a' Westminster, Lunnainn. Ach bho 1999, tha cuid de cho-dhùnaidhean air an dèanamh do dh'Alba ann am Pàrlamaid na h-Alba ann a' Holyrood ann an Dùn Èideann.

Chaidh Pàrlamaid na h-Alba a stèidheachadh às dèidh ceathrad bliadhna de dh'iomairt agus referendum. Stèidhich pròiseas ris an canar è- a' Phàrlamaid agus thug e cumhachd dhi co-dhùnaidhean a dhèanamh air cuid de chùisean a tha a' toirt buaidh air Alba. Canar cùisean tiomnaichte riutha sin.

More guides on this topic

Related links