Air ùrachadh: 24 Am Faoilleach 2017
1. An toiseach, dèan cinnteach gu bheil thu air logadh a-steach do chunntas a’ BhBC.
2. An uair sin, air làrach 鶹Լ sam bith, brùth air ìomhaigh “Do chunntas” aig bàrr na duilleig. (Ma tha ainm taisbeanaichte agad, bidh sin ri fhaicinn, agus chan e “Do chunntas”). Tha e ri lorg sa bhar lorgaidh, faisg air bar seòlaidh do bhrobhsair.
3. Tagh “Seataidhean” agus thèid do thoirt gu d’ fhiosrachadh pearsanta.
4. Air sgrion “Fiosrachadh pearsanta”, brùth “Deasaich” ri taobh d’ fhacal-faire agus cuir fear ùr a-steach an sin. Feumaidh tu am facal-faire a tha thu a’ cleachdadh an-dràsta a chur a-steach gus am bi dearbhadh againn gur tu a th’ ann.
5. An uair sin, brùth “Sabhail agus lean ort”.
6. Cuimhnich gun cleachd thu d’ fhacal-faire ùr an ath thuras a tha thu a’ logadh a-steach dhan BhBC.
Air d’ fhacal-faire a dhìochuimhneachadh?
Feumaidh tu ùrachadh. Faigh a-mach mar a nì thu sin ann an “Tha duilgheadasan agam le m’ fhacal-faire”.
Fo aois 13?
Duilich ach chan urrainn dhut d’ fhacal-faire ùrachadh. Mur a cuimhnich thu air, feumaidh tu clàradh airson cunntas 鶹Լ ùr.
Feuch gun cuimhnich thu air d’ fhacal-faire an turas seo, ach na sgrìobh sìos e air eagal ‘s gum faigh cuideigin eile lorg air.
Chan fhaighear taic ach ann am Beurla a-mhàin. Duilich mun sin.